Back

Thugainn a Bhlàrag

Lyrics:

Thugainn a Bhlàrag, thugainn a Bhlàrag,
Thugainn a Bhlàrag go Hàcleit còmh' rinn.
Thugainn a Bhlàrag, aig toiseach na tràghad
'S tha arbhar math làidir aig tàillear an t-Sròim.

Thugainn a chuailein, thugainn a chuailein,
Thugainn a chuailein, ma thuath thèid sinn còmhla.
'S tha arbhar math seasrach aig triùir a Chlann Sheicein
'S gun fhaigh sinn gun teagamh ann deireadh na h-oidhch'.

'S e 'n t-àit' tha mi smaointinn, tha cho math 's tha san dùthaich
Eadar gàrradh an Dùin agus 's ma chùlaibh taigh Flòraidh
'S nam biodh òirnn an t-acras, gun dèanadh i chasg dhuinn
'S e sud rud a chleachd sinn bhith 'm aslaich aig Flòraidh.