Back

Tionndadh Am Bàt'

Lyrics:

Tionndadh am bàt' agus till leam a-null,
'S a dh'ionnsaigh mo phàiste gun tèid mi le fonn,
Dèan gluasad gun dàil gus am faigh mi a geall,
Tionndadh am bàt' agus till leam a-null.

A dh'aindeoin 's na thriall mise, deas agus tuath,
Chaoidh chan iarr mi à baile mo luaidh,
'S ann tha mo rùn-sa a' gabhail gach latha
'S tha làrach a ceum far na dh'èirich i 'n-àird.

Gad ionndrainn, gad ionndrainn, 's mi seòladh a' chuain,
Chan eil madainn no oidhche nach eil thu nam smuain;
Gad choimhead nam dhùsgadh, gad choimhead nam shuain,
O, fiamh do ghnùis 's e dhrùidh mi a luaidh.

'S ma leanas tu mise 's gum faigh mi do làmh,
Nì sinn ar slighe chun altair gun dàil,
'S ann an sin bhios an ceangal bhios daingeann a ghràidh,
'S bheir sinn bòidean a' phosaidh a sheasas gu bràth.