Back
Tìr an Airm
Lyrics:
An tèid thu leam a rìbhinn òg
Gu tìr mo ghràidh sìtheil sona
'S chì thu saighdearan a' ruith
Am measg nan lusan brèagh' sa mhonadh.
Sèist
Ho ro horainn o
Fàilte gu tìr an airm
Ho ro horainn o.
A' coimhead a-mach air madainn chiùin
Air bàll mòr cruinn os cionn na beinne
'S bhon 's os cionn na tonnan gorm
Tha ceòl ùr aig ceòl na mara.
'S an tèid thu leam gu tìr mo ghràidh
Seall na h-eòin dhorcha dhona
Treabhadh speuran os ar cionn
Dèanamh air Steòrnabhagh le cabhaig.
Nis leugh d' eachdraidh, fosgail sùil
Anns gach linn mu dhòigh an airm
Stampadh air nan croitean seagail
'S beathannan òg aig gillean Uibhist.
Cha tèid mise gu an rìgh
Cha tèid mise an còrr a shabaid
O Lunnainn mheallt, a Bhreatainn fhoilleil
Cha seas mi ach son sìth nan eilean.