Back

Tìr Nam Beann Àrd

Togaibh Fonn air an Fhonn

Lyrics:

Togaibh fonn air an fhonn a bha calm' agus cruaidh,
Am fonn thar gach fonn feadh an t-saoghail thug buaidh,
'S do dhùthaich nam beann anns gach cruadal is càs,
Air cuan no air tìr, bidh sinn dìleas gu bàs.
Tìr nam beann àrd.

Air dhomh-sa bhith sgìth anns na h-Innseachan cèin
Is m' fheòil air a pianadh le dian theas na grèin',
Gur tric ann am inntinn thig muinntir mo chridh'
Is tìr nam beann àrd anns na dh'àraicheadh mi.
Tìr nam beann àrd.

Ged shiùbhlainn an saoghal feadh aonach is fonn,
Ged sheòlainn gach àite feadh bhàrcaich nan tonn,
Ged thriallainn gach gleann agus beann tha fon ghrèin'
'S i 'n tìr a rinn m' àrach is àillidh leam fèin.
Tìr nam beann àrd.

Nuair dh'èireadh na Gàidheil le chèil' as gach gleann,
'S a thòisicheadh bualadh is sguabadh nan lann,
Cha d' fhuaireadh an nàimhdean bho làithean bho thùs
Nach sgapadh, nach sgàineadh, 's nach fàgadh an lùths.
Tìr nam beann àrd.

'S nuair shèideadh a' phìob ann an cluasaibh nan laoch
Cur cuimhne gu deònach air mòinteach an fhraoich,
Gun èireadh gach inntinn ri cluinntinn a' chiùil,
A chuala na beanntan 's gach àm chaidh air chùl.
Tìr nam beann àrd.

Gur prìseil an dìleab a shealbhaich na suinn
Fuil chraobhach an sinnsir bu rìomhaiche loinn,
An cànan cho uasal 's a chualas a riamh,
Is trusgan an fhèilidh dom b' èibhinne sgiamh
Tìr nam beann àrd.

Bho chian anns gach gàbhadh 's gach àite fon ghrèin
Bu dual do na Gàidheil a-riamh a bhith treun,
Oir b' fheàrr leo am bàs na bhith strìochdadh do nàmh,
Is sìnte san uaigh a bhith suaineach nan tàmh.
Tìr nam beann àrd.

Mar sin cuiribh fàilte, cuiribh fàilt' air gach aon
Den t-sluagh dom bu dual a bhith cruaidh agus caoin,
'S a chaoidh bidh sinn caomh agus coibhneil ri chèil'
Mar dhream nach robh riamh do na nàimhdean fo ghèill.
Tìr nam beann àrd.