Back

Tìr nan Òg

Lyrics:

Gàir nan tonn gur trom an nuallan
Seirm am chluais do ghlòir,
Dàn nam beann, gach allt is fuaran
Siaradh nuas led cheòl.

'S tu gach latha gun tàmh mo bhuaireadh,
D' iargain bhuan gam leòn,
'S tu gach oidhche chaoidh mo bhruadar
O Thìr nan Òg.

Bàs no bròn cha bheò nad loinn-thìr,
Ùir air foill 's air gò,
Sàir sìor òl do dheò 's do chaoimhneis,
Aoibhneas snàmh 's na neòil.

Reultan àrda latha 's a dh'oidhche
Boillsgeadh sèimh tro cheò,
Teudan tlàtha' fàs ad choilltean,
O Thìr nan Òg.

Cùl nan tonn tha long mo bhruadair
Fuaradh mar bu nòs,
Rùn an Dàin a ghnàth ga gluasad
Ciùin le luaths an eòin.

Iùbhraich Bhàin na fàg mim thruaghan
Taobh nan cuantan mòr,
Doimhne cràidh is gràidh gam dhuanadh
Gu Tìr nan Òg.