Back

Tiugainn Leam A Rìbhinn Òg

Lyrics:

Sèist

Tiugainn leam a rìbhinn òg
Do thìr nam beann mun iadh an ceò,
Thèid sinn cuairt do choill nan cnò
Gun duine beò bhith cuide ruinn.
Tiugainn leam a rìbhinn òg.

Nuair a chunnaic mis' air thùs
D' aghaidh mhalda bhanail chiùin,
Gur i 'n aoibh a bha nad ghnùis
A dh'fhàg mo shùil cho furachail.

Mar na ròsan tha do ghruaidh,
Mar na caor' do bhilean stuam',
Dualach donn a tha do ghruag,
'S gur tu mo luaidh de chruinneagan.

Nuair a philleas mis' thar chuain
Bheir mi sgrìob a rìs gu tuath,
Bheir mi dhachaigh leam thu, luaidh,
Cha toir iad bhuamsa tuilleadh thu.