Back

Togaibh Fonn air Ìosa Crìosd

Lyrics:

Togaibh fonn, togaibh fonn,
Togaibh fonn leam air thalamh;
Togaibh fonn air Ìosa Crìosd
Gheall an t-sìth dhuinn a leanas.

Togaibh fonn air Ìosa Crìosd
'S dhuinn as fhiach bhith ga mholadh;
Thàinig E a nuas don t-saoghal
Chosnadh saorsa do gach anam.

'S caraid E do shean is òg
Bochd no brònach no beartach;
Gheall e àite dhuinn leis fhèin,
Ach sinn thrèigsinn gach peacadh.

Siud an gealladh rinn dhuinn feum
'S dh'fhàg sinn treun agus neartmhor;
'S gòrach neach chuireas ris cùl
'S nach toir ùmhlachd de a reachdan.

'S ann bho Chrìosd' a gheibh sinn buaidh
Rèir ar cuairt air an talamh;
'S ma leanas sinne dhàsan dlùth
Cha bhith cùram dar n' anam.

Togaibh fonn, togaibh fonn,
Togaibh fonn leam air thalamh;
Togaibh fonn air Ìosa Crìosd
Gheall an t-sìth dhuinn a leanas.