Tom An t-Searraich
Lyrics:
Bha mi 'n tòir air tìr nam beann
'S iomadh sòlas fhuair mi ann;
Nuair bha mi air fòrladh thall
Chaidh mi dh'ionnsaigh Tom an t-Searraich.
Fhuair mi àirigh gheal mo ghràidh
Caoraich laigh innte len àl;
Chagailt a bha caomh is blàth
Bha i bàn fo fheur is bharran.
Tulach tiamhaidh cianail fàs
Am balla crìonadh sìos gu làr,
Cha robh sgiamh air gnìomh nan làmh,
Bha gach àrd-doras ri talamh.
Cha robh bainne fuar no blàth
Cha robh uachdar, cha robh càise
Am bliochd air triall is blian na àite
Anns an àirigh san robh 'm pailteas.
Cha robh ceòlradh, spòrs no fonn
Comann m' òige 's mo luchd-dàimh,
Chuireadh leòn is bròn air chall
'S clàr an inntinn mar an canach.
Dh'fhàg sin smuaireanach mo ghnùis
Bha mo ghruaidhean fliuch fo dhriùchd;
Thuit mi am bruadair ann am dhùisg
Thàinig mùchadh air mo shealladh.
Bha clacharan air leacan lom
Am both na feamainn os a cinn
Ri snagadaich cur cabhaig rium
Mar each fann ga chlaoidh le marcach.
Bha na slèibhtean air gach làimh
'G èigheach, "Cuige thrèig thu sinn?
B' aotrom laigheadh oirnn do bhuinn,
Ruith 's a' leum nan tonn nad bhalach."
Shiùbhlainn iad 's mo shùilean dall
Gun chairt-iùil ach tùr mo chinn;
Cha dèan lùchairtean nan Gall
An dùrachd thug mi dhaibh a sgaradh.
Ged a thrumaich orr' mo cheum
Dhaibh bu mhò chaidh mo spèis
Mar tha siubhail cùrs mo rèis
Tha e cur an cèill dhomh earail.
Tha mo chiabhag-sa ri innse
Ann an liath-fhalt oirre sgrìobht'
H-uile bliadhna tha dol rim aois
Gu bheil mi faomadh gu mo thoiseach.
Ri leantainn dlùth air cùl gach linn
A chuala 'n Guth 's tha 'n-diugh sa chill,
Cuairt mo shaoghail ruith gu ceann
Mar thèid tonn thar thonn gu cladach.
Ach 's e mo mhiann aig crìoch mo latha
Laighe sìos le mo chiad ghràdh
Ann an Lìonagaigh ri tàmh
Leabaidh bhàn ri sàil na mara.