Back

Tuireadh Nan Treun

Lyrics:

Sèist

Am feasda bidh m' iargain gam lìonadh le bròn,
'S mi caoidh is ag iarraidh le iarrtasan mòr
Na fleasgaich òg fhiachail a shìneadh fon fhòid,
'S nach till rinn gu sìorraidh a dh'innseadh dhuinn sgeòil.

Bu ghaisgeil a sheas iad sa chaonnag gun sgàth,
Gun strìochdadh, gun ghèilleadh, fir threun nam beann àrd,
Luchd breacan an fhèilidh ron teicheadh gach nàmh:
'N àm tarraing nan geur-lann cò sheasadh nan dàil?

Tillidh sruth air a' charraig 's seòl-mar' air a' chaol,
Tillidh luibhean an Earraich is barrach nan craobh,
Thig cuthag don doire le caithream a gaoil
Ach na fiùrain òg, fhearail, am fearann cha taobh.

O Thì th' anns na h-Àrdaibh! O Thusa don lèir!
Bi maille rin càirdean gan stiùireadh 's gach ceum,
Thoir furtachd dam muinntir gu mùirneach 's gu sèimh
Mar dhrùchda a' tùirlinn air Sùirneig nan geug.