Search
Àrd-sgoil Ìle- sgoilearan S2

Àrd-sgoil Ìle- sgoilearan S2

Rinn sgoilearan S2 aig Àrd-sgoil Ìle agallamhan le dithis a tha a' fuireach san eilean.

Rugadh Mairead NicEacharna ann an Glaschu agus thogadh i ann an Ìle. Anns an agallamh seo, tha Mairead a’ bruidhinn air na h-obraichean a bh’ aice agus obraichean ann an Ìle nuair a bha i òg. Tha i cuideachd a’ toirt seachad fiosrachadh air a beatha agus na cuimhneachain a th’ aice air a h-òige ann an Ìle, leithid chur-seachadan, Gàidhlig san sgìre, biadh, agus làithean sgoile.

’S ann às a’ Bhàrr ann an Ìle a tha Anna Nic a’ Ghoill. Anns an agallamh tha Anna a’ toirt seachad fiosrachadh air na prìomh obraichean ann an Ìle nuair a bha i òg. Tha i cuideachd a’ toirt seachad fiosrachadh air a beatha agus na cuimhneachain a th’ aice air a h-òige ann an Ìle, leithid chur-seachadan, Gàidhlig san sgìre, biadh, agus làithean sgoile.