Eachdraidh-beatha
Bha Dùghall Bochanan na mhaighstir-sgoile an Ceann Loch Raineach, na cheistear, na shearmonaiche, na eadar-theangaiche agus na bhàrd. Rugadh e ann an Àrdach ann an Srath Oighre ann an 1716. Chaochail a mhàthair nuair nach robh e ach beag, agus phòs athair a-rithist, nas lugha na bliadhna às dèidh sin. Bha Bochanan pòsta aig Mairead Brisbane, nighean do bhàillidh Iarla Labhdain, agus bha ochdnar chloinne aca. Dh'fhàg e cunntas sgrìobhte air a' chiad 34 bliadhna de bheatha a tha ri leughadh san leabhar Buchanan, The Sacred Bard of the Scottish Highlands.
Chan eil ach ochd de na dàin aig Bochanan air lorg an-diugh agus chaidh an cur an clò an toiseach ann an 1767 nuair a bha e fhèin a' stiùireadh a' chiad eadar-theangachadh Gàidhlig den Tiomnadh Nuadh tron chlò.
Mar a dh'innis Iain Dòmhnallach air prògram Gàidhlig a' BhBC air 3 Dùbhlachd, 1954:
"Bha iomadh togail suas agus tuiteam sìos aige mun d' fhuair a chogais furtachd. Nuair a bhiodh e a' sgrìobhadh, bhiodh e aig uairean air a thoirt suas le iongnadh gràidh cho mòr 's nach b' urrainn dha nì sam bith a sgrìobhadh, agus, air àm eile, bhiodh e na thuil dheur."
Mar a thuirt an sgoilear Coinneach Dòmhnallach mu Bhochanan air a' phrògram Molam E, air BBC Radio nan Gàidheal air 18 Gearran, 2003:
"Bha fìor chomas bàird aig Dùghall, ach a thuilleadh air sin bha foghlam Beurla aige agus dh'fhàg sin làrach shoilleir air a chuid dàin. Chuir e eòlas air obair cuid de bhàird chràbhach na Beurla, gu sònraichte Isaac Watts is Eideard Young an Sasainn, agus Raibeart Blàrach an Albainn. Bhuapa sin thog e cuspairean is smuaintean is, air uairean, briathran, ach chan fheumar smaoineachadh nach robh ann ach eadar-theangair. Ann an Gàidhlig shiùbhlach chuir e a dhreach fhèin air gach cuspair a làimhsich e agus dh'ath-phlanntaich e gach smuain a thog e bho dhaoine eile ann an saoghal na Gàidhealtachd."
Agus ann an Gairm, Àireamh 148, sgrìobh An t-Ollamh Dòmhnall Meek:
"Tha fìor neart Bhochanain mar bhàrd, saoilidh mi, a' co-sheasamh anns an ealain a tha e a' cleachdadh. Nuair a thig e gu facail a chur ann an eagaibh a chèile, tha Bochanan a' tomhas meud, cudrom is fuaim gach facail, mar fhear-ceàirde a' togail taighe le clachan. Chan eil facal a bharrachd aige mar is trice; tha eadhon gach lideadh na pàirt den teachdaireachd. Tha a chuid ìomhaighean soilleir, faicsinneach agus air an deagh shnaigheadh. Ma tha an taigh air a thogail air bunait duine eile, chan eil sin ag ràdh nach eil e snasail, greadhnach agus Gàidhealach."
Tha an spèis a bha aig daoine do Bhochanan na latha fhèin soilleir anns a' chunntas aig Iain Dòmhnallach air mar a thachair nuair a chaochail Bochanan anns a' bhliadhna 1768, aig aois 52.
"Nuair a chuala iad sgeul a' bhàis thog prasgan de dhaoine Chalasraid is Srath Oighre orra gu Ceann Loch Raineach a chum a chorp a thoirt dhachaigh gu cladh athraichean. Cha robh sin cho furasta 's a bha iad an dùil. Thug sluagh Raineach uiread de dh'urram dha. Rinn a chaitheamh-beatha 's a theagasg a leithid de dh'ath-leasachadh air am beus, 's air an gluasad, 's gun do chuir iad romhpa gum biodh e air a thiodhlacadh nam measg fhèin ann an Raineach. Bha an dà bhuidheann an impis a dhol an amhaichean a chèile. Bha a' chùis a' coimhead gruamach, luchd Chalasraid rùn-shuidhichte gum biodh corp a' bhàird aca, 's luchd Raineach nach biodh. Mu dheireadh, an dèidh do dh'fhir Raineach ath-smuaineachadh air ciùineachd agus caomhalachd an diadhaire urramaich a bha air an ceann fad chòig bliadhna deug, air a ghiùlan nam measg, 's air a theagasg; a fhuair air bheag eòlais is oilean iad, is a dh'fhàg e iad rianail is càirdeil, chuir iad an cinn ri chèile 's dh'aontaich iad. Leig iad le fir Chalasraid corp an duine chaoimh a thoirt leotha."
Chaidh Dùghall Bochanan a thiodhlacadh ann an Seipeal Chlann Bhochanan ann an àite ris an cante Lèanaidh Beag, air iomall Chalasraid. Tha e dlùth air an abhainn, mu cheud slat bho far a bheil uisgeachan Abhainn Lèanaidh a' coinneachadh Eas a' Ghobhainn. Mun bhliadhna 1925 thog Comann Gàidhlig Chalasraid, fo stiùireadh a' Chinn-suidhe aca, Iain Dòmhnallach, airgead airson ballachan an t-Seipeil a chàradh agus clach-cuimhne a chur os cionn uaigh a' bhàird. Chaidh a dealbhadh le snaigheadair ainmeil, Pittendrigh MacIlleBhràth agus chaidh an ceathramh seo à Laoidh na h-Ùrnaigh aig Bochanan a ghearradh innte:
An fhuil a dhìol do cheartas teann
'S a dhòirteadh air a' chrann gu làr;
'S ann aist' tha m' earbsa, O mo Rìgh,
Nach dìt thu m' anam air a sgath.
Clàr sgrìobhaidhean
Fulangas Chrìosd