Ciad ainm Alasdair
Cinneadh MacFhionghain
Bliadhna breith 1770
Bliadhna bàis 1814

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Àrasaig is Mùideart

Baile/Àite - Bun na Caime

Àireamh an neach 11029

Eachdraidh-beatha

Rugadh Alasdair MacFhionghain ann an 1770 am Bun na Caime ann am Mòrar. Chaidh e don Arm sa bhliadhna 1794, do Rèisimeid nan Gòrdanach, anns a' bhuidheann a thogadh leis a' Chaiptean Sìm Dòmhnallach à Mòrar. A rèir Iain MhicCoinnich a dh’fhoillsich cuid den bhàrdachd aige ann an Sàr Obair nam Bàrd Gàidhealach: "Corporal MacKinnon was prepossessing in appearance; he stood about five feet, ten inches in height; he was athletic in form, and of very fine proportions and symmetry."

Bha MacFhionghain a' sabaid aig Blàr Egmont-op-Zee, no Blàr na h-Òlaind:

Air mìos dheireannach an fhoghair
'N dara latha, 's math mo chuimhne.
Ghluais na Breatannaich bhon fhaiche
A chum tachairt ris na nàimhdean.
Thug Abercrombie taobh na mara
Dhiubh le canain 's mi gan cluinntinn,
'S bha fòirneadh aig Mùr gu daingeann
Cumail aingil ris na Frangaich.


Bha seo ann an 1799. Aig Blàr Alexandria ann an 1801 chaidh e a dhroch leòn agus fhàgail mar mharbhan air a' bhlàr, le òrdugh air a thoirt an corp aige a thiodhlacadh. Gu fortanach, mus do rinneadh seo, thuig caraid dha, seàirdseant air an robh MacIllEathain, gun robh an deò ann fhathast agus chaidh a thoirt gu ospadal air bòrd soithich. Dh'fhàg e dealbh den bhatal againn:

Cho ullamh ris an fhùdar
A bha dol na smùid mur ceann
Ghluais na gillean lùth-chleasach
Air mhir' a-null don ghleann.
Thug sinn le teine dùbailte
Bristeadh as na trùpairean;
Bha Greumaich an euchd fiùghantach;
Cha d' èist iad mùiseag lann.

Mar stoirm a b' iargalt' connsachadh
A' spìonadh neòil is chrann,
A' riasladh fairge mòire
'S a' pianadh sheòl 's gan call;
Cruaidh dian bha buaidh nan Gòrdanach;
Bu lìonmhor sguab is dòrlaichean
A bhuain iad air a' chòmhnard
Far an tug na slòigh dhaibh ceann.


Fhuair MacFhionghain a shlàinte air ais agus dh'fhàg e an t-Arm le peinnsean. Phòs e agus bha a dhachaigh anns a' Ghearasdan far an do chaochail e ann an 1814.

Clàr sgrìobhaidhean

An Dubh Ghleannach