Sgìre Thùsail
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Paraiste - Lios Mòr is An Appain
Eilean - Liosmòr
Baile/Àite - Port Ramasa
Sgìre Thùsail
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Paraiste - Cill Mhòr is Cill Bhrìghde
Baile/Àite - An t-Òban
Eachdraidh-beatha
B' e Seumas Dòmhnallach (1885-1970) ogha dhan bhàrd Lachann Mac an Lèigh (Lachann Dubh a' Chrògain), a rinn òrain leithid Dòmhnall an Dannsair agus Ma Phòsas Mi Idir, Cha Ghabh Mi Tè Mhòr. Ghluais an teaghlach às an Òban gu Port Ramasa ann an Lios Mòr nuair a bha e seachd bliadhna a dh'aois. Dh'fhàg e Sgoil Bhaile Ghairbh nuair a bha e 14 agus chaidh e a dh'obair greis air an aiseag eadar Lios Mòr agus Port na Croise. Thug e greis eile air gheat ach an dèidh beagan airgead a shàbhaladh, chaidh e do Cholaiste na Maraireachd an Glaschu, far an do choisinn e teisteanas Sgiobair. Bha e a' seòladh air soithichean leis a' chompanaidh Nobel gus an tug briseadh-slàinte air a dhreuchd a leigeil dheth tràth. Bha e pòsta dà thuras agus bha dithis chloinne aige, Maighread agus Lachlann.
A rèir an leabhair a sgrìobh Maighread mun teaghlach, b' e duine dàimheil, còir a bh' ann an Seumas. Bha e air a dhòigh ann an cuideachd, gu h-àraidh ma bha òrain is ceòl a' dol. Chluicheadh e a' phìob agus am piàna agus chuireadh e fuinn ùra ris na h-òrain aige fhèin. Mar a chuir Maighread e:
"Nuair a chaidh an taigh a mheudachadh ann an 1938, thàinig am piàna. Bha Seumas anabarrach math air ceòl-dannsa a chluich. Bha e mar bu trice a' dèanamh facail agus fuinn nan òran aig an aon àm. Aig amannan eile, coltach ris a' chuid as motha de na bàird, chuireadh e fonn air na facail. Ach, rud a bha eadar-dhealaichte, bha e cudromach dha fonn ùr a dhèanamh don bhàrdachd aige. Mur a dèanadh e sin, bhiodh e a' toirt leisgeul airson fonn duin' eile."
Clàr sgrìobhaidhean
An t-Eilean Àlainn