'ic Caluim 'ic Dhòmhnaill
'ic Dhonnchaidh
Sgìre Thùsail
Canada, Alba Nuadh, Eilean Cheap Bhreatainn, Siorrachd Inbhir Nis, Màirgairi an Iar-dheas, Naomh Eòsaph
Eachdraidh-beatha
Chaidh 29 òran le Calum MacIllÌosa fhoillseachadh anns an leabhar Smeòrach nan Cnoc 's nan Gleann, air a dheasachadh le Bernard MacIllÌosa agus an t-Ollamh P. J. MacNeacail ann an Antigonish an Alba Nuadh. Chaidh fhoillseachadh an Glaschu sa bhliadhna 1939. Anns an ro-ràdh tha Dòmhnall MacPhàrlain a' sgrìobhadh: "Mura b' e cho iomraiteach 's a tha cuid de dh'òrain Chaluim MhicIllÌosa anns gach àite sa bheil a' Ghàidhlig beò, 's dòcha nach robh an leabhar seo riamh air a chur an clò."
Am measg nan òran sin tha Òran do Cheap Breatainn, Am Bràighe, Òran a' Bhàta, Màiri Lurach, Moladh a' Chùil, Bàl na h-Aibhne Deas, Òran do Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir, Òran an Taghaidh, agus an t-òran leis 's dòcha as trice a chluinnear an Alba an-diugh, Nighean Donn a' Chùil Rèidh:
'S e do chòmhradh, a rùin,
Cainnt as ceòlmhoire leam
Na guth smeòraich an dlùth-choill' nan craobh,
No bog thorman nan allt
Tighinn o àirigh nan gleann
'S mi sa mhoch-mhadainn shamhraidh rin taobh.
Tha do nàdar, a luaidh
Coibhneil, càirdeil, gun ghruaim,
Gur e d' àilleachd thug buaidh air gach tè;
Dh'èireadh m' aigne le sunnd
Nuair a choinnicheadh tu rium,
'S chuirinn fàilt' air nighean donn a' chùil rèidh.
Tha MacPhàrlain a' toirt iomradh air a' bhàrd a rugadh ann am paraiste Naomh Eòsaph, Màrgairidh an Iar-dheas air Eilean Cheap Breatainn. B' ann à Mòrar a thàinig a chuideachd agus b' e a shloinneadh Calum Eòghainn 'ic Aonghais 'ic Caluim 'ic Dhòmhnaill 'ic Dhonnchaidh. Mar a thuirt MacPhàrlain:
"Bu duine e air an do bhuilich Dia iomadh tàlant; agus ged nach d' fhuair e de ionnsachadh ach na ghabhadh faighinn anns na sgoiltean cumanta, rinn e deagh fheum de na bha aige. Chuir e seachad àireamh bhliadhnachan a' cumail sgoile, ach cha do chùm sin e gun a bhith aimseach an obair sam bith a dh'fhaodadh tighinn fo làimh, agus dhèanadh e gnìomh cho dreachmhor ri fear-cèairde am fiodh 's an leathar.
Rinn e iomadh òran bòidheach Beurla, chluicheadh e an fhidheall, a' phìob 's an t-òrgan gu pongail, agus bha e anns a h-uile dòigh air dheagh iomradh. Chaith e a' chuid mu dheireadh de a bheatha an tuathanachas air baile athair, far an do shoirbhich leis gu gasta. Thog e teaghlach anabarrach mòr, agus tha a' chuid as motha de a chloinn nan luchd-ciùil.
Cha bhiodh e ri bàrdachd mar bu trice ach airson caitheamh-aimsir, no airson fealla-dhà; agus chan eil teagamh nach biodh e air barrachd saothrach a ghabhail ri iomadh sreath nan robh e an amharas gun tigeadh an latha anns am biodh iarraidh fad is farsaing air a chuid òran a chur a-mach an leabhar."
Chaochail Calum MacIllÌosa anns an t-Sultain 1929, aig aois 73.
Clàr sgrìobhaidhean
Nighean Donn a' Chùil Rèidh
'S e Mo Dhùthaich a Dh'fhàg Mi