Ciad ainm Ailean
Cinneadh MacIlleMhoire
Far-ainm Ailean Mòr / Ailean Britheamh
Bliadhna breith [?]
Bliadhna bàis 1599

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Àireamh an neach 11107

Eachdraidh-beatha

Tha sgoilearan a' smaoineachadh gum buin an t-òran An t-Iorram Niseach do dheireadh na siathamh linn deug no toiseach na seachdamh linn deug. Bha e air a ràdh gun deach a dhèanamh le Ailean Mòr MacIlleMhoire, Ailean Britheamh, ceannard nam Moireasdanach, an teaghlach ainmeil a bha nam britheamhan ann an Leòdhas.

Bha aimhreit ann aig an àm a thaobh cò bha gu bhith na cheann-cinnidh air Clann 'ic Leòid Leòdhais, agus bha e air a chur às leth nam Britheamhan gun robh làmh aca ann am bàs Thorcaill Dhuibh, a bha ag agairt còir air ceannardas Chloinn 'ic Leòid, ann an 1597.

B' e leth-bhràthair do Thorcall Dubh a bha ann an Niall Odhar, a tha air ainmeachadh san òran. A rèir beul-aithris tha e ann am birlinn agus e an tòir air Ailean Mòr MacIlleMhoire. Tha Ailean Mòr e fhèin ann am birlinn cuideachd, 's e a' brosnachadh an sgiobair, Coinneach, gu dhol nas luaithe ach am faigh iad air teiche bho Niall Odhar.

Chaidh Niall Odhar a chrochadh mar spùinneadair ann an Lìte sa bhliadhna 1613.

Clàr sgrìobhaidhean

An t-Iorram Niseach