Ciad ainm Alasdair
Cinneadh MacDhòmhnaill
Sloinneadh Alasdair Raghnaill Ruaidh

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Baile/Àite - Loch Abar

Àireamh an neach 11119

Eachdraidh-beatha

Cha robh Alasdair MacDhòmhnaill (Alasdair Raghnaill Ruaidh), às an Ìochdar an Uibhist a Deas, ach sia-deug nuair a rinn e Marbhrann do Dhonnchadh Ruairidh Sheonaidh, do Dhonnchadh MacIllEathain à Cill Amhlaigh an Uibhist a Deas. Bha Donnchadh bliadhna no dhà na bu shine na Alasdair, ach bha iad glè mhòr aig a chèile nuair a bha iad san sgoil an Uibhist.

Chaidh Donnchadh a thogail dhan Arm, do Rèisimeid nan Camshronach, agus an ùine nach robh idir fada chualas gun deach a mharbhadh. Aig an àm bha Alasdair anns an àrd-sgoil ann an Loch Abar agus rinn bàs a charaid dragh mòr dha, mar a tha follaiseach anns a' mharbhrann.

Cha d' fhuair Alasdair fhèin saoghal fada. Chaochail e 's gun e ach leth-cheud.

Clàr sgrìobhaidhean

Marbhrann do Dhonnchadh Ruaraidh Sheonaidh