Ciad ainm Calum
Cinneadh MacIllEathain
Far-ainm Calum a Ghlinne
Bliadhna breith [?]
Bliadhna bàis c.1764

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Geàrrloch

Baile/Àite - Ceann Loch Iù

Àireamh an neach 11152

Eachdraidh-beatha

B' ann à Ceann Loch Iù a bha Calum MacIllEathain, Calum a' Ghlinne. Bha e air a bhith san arm nuair a bha e na b' òige agus ri linn sin bha peinnsean beag aige. Cuideachd, bha beagan fearainn aige air mhàl aig bonn Beinn Fuathais.

A rèir an eachdraidh a tha Iain MacCoinnich a' toirt air Calum a' Ghlinne anns an leabhar Sàr Obair nam Bard Gaelach, bha Calum pòsta aig boireannach a bha cha mhòr cho foighidneach agus a bha Iòb sa Bhìoball. 'S i a dh'fheumadh a bhith foighidneach oir bha Calum anabarrach dèidheil air a dhrama.

Cha robh aig Calum agus a bhean ach an aon leanabh, nighean a bha air leth bòidheach, a bh' air tighinn gu aois ach nach robh a' faighinn cèile. Bha a' choire airson an t-suidheachaidh seo air a chur air a h-athair a chionn 's gun robh e ag òl a h-uile sgillinn a bha e a' cosnadh, 's le sin cha b' urrainn dha a tochradh a phàigheadh. Anns an òran Mo Chailin Donn Òg tha e a' moladh bòidhchead a nighinn agus ag aideachadh a chiont.

Bidh d' athair an-còmhnaidh ag òl le caithream,
'S e eòlas nan còrn a dh'fhàg mi cho falamh.
Mo chailin dhonn òg.


Tha e coltach, ge-tà, a dh'aindeoin a h-athar, gun do phòs cailin donn òg Chaluim a' Ghlinne agus gun robh i fhèin agus a cèile a' fuireach an Cunndainn mun bhliadhna 1769.

Ma rinn Calum a' Ghlinne barrachd air an aon òran seo chan eil lorg orra an-diugh. Tha e coltach gur e duine dòigheil a bh' ann a bha math air seinn, agus gum biodh daoine a' sireadh a chuideachd nuair a nochdadh e san taigh-òsta.

Bha sgeulachd aig MacCoinnich mu thuras a chaidh Calum a dh'Inbhir Pheofharain air latha samhraidh a dh'iarraidh bobhla min-choirce. Bha an latha teth 's thàinig am pathadh air Calum 's thadhail e ann an taigh-òsta airson deoch. Ann an sin thachair e air dròbhair à Bàideanach agus thòisich iad ag òl còmhla, drama an dèidh drama, gus an do chosg Calum na bh' aige de dh'airgead.

Nuair a thuirt e ris an dròbhair nach rachadh e dhachaigh buileach fhathast nam biodh an tuilleadh airgead aige, cheannaich an dròbhair an t-each glas aig Calum bhuaithe agus lean an dithis orra ag òl, gus an do theirig an t-airgead air Calum airson na dara h-uair. Nuair a dh'innis Calum gum feumadh e a-nis a dhol dhachaigh, thuirt an dròbhair nach robh e a' tuigsinn ciamar a bha an aghaidh air a leigeadh dha a dhol dhachaigh gu a bhean anns an staid anns an robh e. "Mo bhean?" arsa Calum le iongnadh. "Cha tuirt, agus cha chan i nas miosa rium, na 'Dia leat, a Chaluim.'"

Chuir an dròbhair geall nach tachradh seo idir agus, nan tachradh, gun toireadh e prìs na mine agus prìs an eich air ais do Chalum. Dh'fhalbh iad còmhla agus bha a bhean cho toilichte Calum fhaicinn a' tilleadh dhachaigh slàn, sàbhailte, 's gun do chuir i a gàirdeanan timcheall air 's i ag ràdh, "Dia leat, a Chaluim." Le sin, fhuair Calum prìs na mine agus an eich bhon dròbhair.

Chaochail Calum a' Ghlinne mun bhliadhna 1764.

Clàr sgrìobhaidhean

Mo Chailin Donn Òg