Ciad ainm Alasdair
Cinneadh MacFhearghais
Far-ainm Am Bàrd Chliubhair
Sloinneadh Alasdair Iain 'ic Alasdair
Bliadhna breith 1869
Bliadhna bàis 1947

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Na Hearadh

Baile/Àite - Sruparsaig

Àireamh an neach 11154

Eachdraidh-beatha

Rugadh Alasdair MacFhearghais ann an Struparsaig anns na Hearadh air 14 Màrt, 1869.

A rèir Ruairidh Dhòmhnallaich, Ruaraidh Eòghainn, e fhèin à Cluthair, 's e a' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal air 26/08/1986, b' e seo am freagairt a thug Alasdair MacFhearghais, Alasdair Iain 'ic Alasdair, Bàrd Chluthair air taobh sear na Hearadh, do dh'fhear a dh'fhaighnich dha ciamar a thòisich e air òrain a dhèanamh:

Fhuair mi mo ghibht on Àrd Rìgh
'S mi nam naoidhean am broinn mo mhàthar
'S rugadh mi le spiorad bàrdachd
Gu bhith geàrrtach air mo theangaidh.

Cha do phòs Alasdair a-riamh, agus bha e a' fuireach ann an taigh beag tughaidh còmhla ri phiuthar, seanmhair Raonaid NicLeòid, a bha a' cuimhneachadh air, air BBC Radio nan Gàidheal air 26/08/1986:

"Duine àrd, cruaidh, dubh, dorcha. Falt dubh air, moustache mhòr air, fear de na moustaches mhòr a bh' ann o chionn fhada, 's iad air an toinneamh ann an seo ris a' bheul. 'S e duine mòr, snog a bh' ann, duine tapaidh." Agus thuirt i cuideachd mu dheidhinn: "Duine ceart, onarach, dòigheil. Bha e cas gun teagamh, ach duine onarach."


Bha Bàrd Chluthair na iasgair, ag obair an toiseach air bàta air an robh an Advance agus, nuair a dh'fhàs i sin dona, air tè eile air an robh Maggie Stewart. Feumaidh gur e duine làmhchair a bh' ann, oir bhiodh e cuideachd a' dèanamh rudan mar snàthadan-lìon agus putaichean le craiceann caorach. Bha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh agus bha e measail air clann. Mar a chuimhnich Raonaid: "Bha fios againn air The Battle of Stirling Bridge mus deach sinn dhan sgoil. Bhiodh e ga innse dhuinn. 1297. William Wallace agus Robert the Bruce. Bha e keen air na rudan sin."

Thòisich e ri bàrdachd 's e glè òg, a rèir Raonaid:

"A' chiad òran a rinn e, 's ann dha mhàthair. Chuir i don Tairbeart e dh'iarraidh message air choreigineach. 'S bha i a' dèanamh lite, 's dh'fhalbh e 's ruith e. 'S e duine mòr tapaidh a bh' ann. Dh'fhalbh e chun an Tairbeart 's cha robh e an uair sin ach dà bhliadhna dheug. Agus bha e cho clever a' tilleadh dhachaigh 's nach do chreid i gun robh e air an Tairbeart, gu an do sheall e an rud a chuir i a dh'iarraidh, rud a bh' aige na phòcaid. Ach shlais i e mun do sheall e sin. Bha i a' smaoineachadh gur e na breugan a bha e ag innse, nach robh e air an Tairbeart idir. Agus thòisich e a' dèanamh òran dhi ach chan eil sgeul air an òran sin an-diugh."


Na dhuine òg chaidh Alasdair a thogail dhan arm, agus bha e ann an Afraga aig àm Cogadh nam Boers.

Là na Sàbaid chiad mhèarrs thug sinn orra
A' dol a forum le òrdan seanaileir
Bha 'n fhuil 's i blàth anns na Gàidheil mhisneachail
Is ceòl na pìoba toirt inntinn cridheil dhaibh.

Thusa Chrùidsear 's tu dhùisg an cogadh seo
Cha chùm Pretoria beò gun chrochadh thu
Gheibh thu tìm ann am prìosan Bhonaparte
'S an St Helena gun teatha gun chofaidh ann.

Bidh sùil ri buaidh nuair a ghluaiseas Kitchener
Le iomadh còirnealair eòlach misneachail
Gum bi na nàimhdean gu teann gan crioslachadh
'S a' ruith gu luath mun tèid uaigh gun chist' orra.

Bha ainm an fhiadh-bheathaich riamh an Afraga
Bha leòmhann beachdach i fhèin ann, 's math-ghamhainn
Chan fhac' a' Bhoer na leòn na fhearann e
Gu 'm fac' e 'n Gàidheal le fhèileadh tartain ann.


Bha sgeulachd aig Raonaid mu Alasdair an Afraga:

"Ann an Afraga bha e air sentry, 's cha robh aige ri duine a leigeil seachad. 'S thàinig am fear seo co-dhiù, agus 's e Lord Kitchener a bh' ann. Agus dh'iarr e seachad. "No!" Agus, "Halt! Who goes there?" 'S bha Lord Kitchener airson a dhol seachad anyway. 'S rug Alasdair air 's chuir e an comhair a chùil dhan abhainn e. Bha abhainn faisg air, 's chuir e dhan abhainn e! Cha robh fios aige gur e Lord Kitchener a bh' ann. Agus chaidh a chur dhan abhainn co-dhiù agus thàinig fear a mhuinntir Bheàrnaraigh na Hearadh far an robh e làrna-mhàireach 's thuirt e ris: "Uill" ars esan. "Am fear a chuir Lord Kitchener dhan abhainn a-raoir thathar a' dol ga chrochadh an-diugh." Agus theab am bàrd bochd a dhol às a rian. Ach bha e rewarded airson an rud a rinn e!"

Rinn Alasdair MacFhearghais òrain air iomadh cuspair. Mar eisimpleir, nuair a chaidh fearann a' mhachaire a thoirt air ais do chroitearan taobh sear na Hearadh:

Ged tha 'm machair brèagh' gu leòr
'S e cho còmhnard ri làr;
'S iomadh rud tha gann san stòr
A tha pailt anns na Bàigh.


Rinn e òrain air cuspairean leithid an dèideadh agus radain Afraga, na bàtaichean air an robh e ag iasgach, duilgheadas le bò a' breith, agus turas a chaidh e fhèin fo lannsa ann an Steòrnabhagh. Mar a dh'innis Raonaid:

"Bhiodh an taigh làn a h-uile h-oidhche ach an cluinneadh iad ag òran e. 'S a h-uile duine riamh a' toirt unnsa tombaca dha ach an cluinneadh iad, 's gun dèanadh e... dhèanadh e rann ann am mionaid, dìreach seconds 's bha e a-mach aige mar gum bithinn-sa a' bruidhinn an-dràsta." Bha Ruairidh Eòghainn tric ann an cuideachd a' bhàird: "Bha e uabhasach doirbh toirt air òran a ghabhail. Bha e math orra cuideachd. Ach nuair a thòisicheadh e, bha e coma cuin a sguireadh e."

Rinn Alasdair laoidhean agus dàin spioradail leithid Laoidh Aonghais Mhòir Sheonaidh cuideachd. Nuair a bha e a' fàilligeadh shamhlaich e e fhèin ri "seilcheag madainn samhraidh falbh gu fann air bhàrr an fheòir", 's thuirt e:

Bha mi uair cho aotrom ris an fhaoileig air a' chuan
'S tric a bha mi smaoineachadh nach tigeadh m' aois cho luath;
Ach tha mi nis air fàillneachadh 's mo chnàmhan air fàs truagh
Le rheumatis nam ghàirdeanan ged bu làidir iad aon uair.


Dh'fhàg Bàrd Chluthair an rann seo airson a chur aig a cheann nuair a chaochladh e:

Fhir a leughas aig mo cheann
Thug Dia mi leis nuair thàinig m' àm;
'S cuimhnich gum bi thusa mar seo
Dh'aindeoin uaill no neart no moit.
Mur faigh thu Crìosd dha d' anam fèin
'S tu neach as truaighe bhios fon ghrèin;
Bidh Sàtan a' tighinn dhutsa dlùth
Gad tharraing sìos don t-sloc gun ghrunnd
Far nach dèan an teine cnàmh;
Cuir d' earbs' an Dia mun tig am Bàs.


Chaochail e anns an t-Samhain 1947.

Clàr sgrìobhaidhean

Laoidh Aonghais Mhòir Sheonaidh (Nuair a Chrìochnaich do Thuras)