Eachdraidh-beatha
Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn, Iain Beag Pàdraig Smith, anns an Leth Mheadhanaich, Uibhist a Deas, air 5 Gearran, 1923.
Chaidh e do Bhun-sgoil Ghearraidh na Mònadh agus an dèidh sin do Sgoil Dhalabroig agus Àrd-sgoil Loch Abar. Bha e ann am Feachd an Adhair nuair a thòisich an cogadh, 's gun e ach na ghille òg. Chuir e pàirt dhen chogadh seachad ann am Burma agus anns na Dutch East Indies.
Phòs e fhèin agus Chrissie Nic a' Phì, Ciorstaidh Dhòmhnaill 'ic Nìll, às an aon bhaile ris fhèin, air 20 Iuchar 1960. Bha dithis ghillean aca - Iain Anthony, a bha aig aon àm ag obair mar fhear-naidheachd aig Telebhisean Ghrampian, agus Dòmhnall Ailean, a bha ag obair aig Caledonian Mac a' Bhruthainn ann an Loch Baghasdail. Chaochail Ciorstaidh anns an Fhaoilleach 2007.
An dèidh a' chogaidh agus anns na leth-cheudan, chuir Iain seachad bliadhnaichean ag obair aig factaraidh na feamad ann an Orasaigh. Bha Oifis Puist aige anns an Leth Mheadhanaich agus bhiodh e a' cuideachadh leis a sin bho àm gu àm. Bha Iain còrr air deich bliadhna fichead aig a' Hydro anns na stèiseanan cumhachd an Dalabrog agus an Loch a' Chàrnain suas chun an àm a sguir e a chosnadh.
Cha bhiodh Iain cho tric a' seinn mu choinneamh sluaigh, ach bhiodh e a' seinn aig cèilidhean ann an Uibhist a Deas bho àm gu àm agus gu tric aig bainnsean anns an sgìre.
Chaochail e anns an Fhaoilleach 2016.