Ciad ainm Dòmhnall
Cinneadh Dòmhnallach
Far-ainm Dòmhnall Ruadh
Sloinneadh Dòmhnall mac Dhòmhnaill Ruaidh
Bliadhna breith 1850
Bliadhna bàis 1944

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Bornais

Àireamh an neach 11183

Eachdraidh-beatha

B' ann às an Leth Mheadhanaich an Uibhist a Deas a bha Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall mac Dhòmhnaill Ruaidh. Bha fearann aige far a bheil 363 Leth Mheadhanach an-diugh, agus ghluais e gu ruige Bòrnais airson a dhol a dh'obair air ceilp. Bha Dòmhnall pòsta aig Mairead Mhoireasdan, nighean Eòghainn an Tàilleir, agus rinn iad an dachaigh, agus thog iad teaghlach, aig 13 Bòrnais.

Ann an Òran na h-Ìmprig nochd e nach b' ann gu toileach a rinn e an gluasad gu Bòrnais:

Man tog mi mo thaighean suas
Air cnocan fuar am Bòrnais;
Man tog mi m' àtha 's sabhal ma cheann
'S mas buain mi ann a' mhòine.


Cha robh fiù 's a chù air a dhòigh:

Nuair a chunnaic e 'n t-àite bh' ann
Nach robh na taighean air cheann
Thug e osna air gu teann
'S gun mhall e air an Ròdha.


Rinn e an t-òran Fàgail Bhòrnais ann an 1923 nuair a dh'fhalbh grunn theaghlaichean à Uibhist a Deas gu ruige Alberta an Canada. Nam measg bha Ailean Dòmhnallach agus Dòmhnall Mòr Mac a' Phearsain à Bòrnais. Rinn e an t-òran mar gum b' e Ailean mac Iain a bha bruidhinn, agus tha pìos fearainn ann am Bòrnais fhathast air ainmeachadh mar croit Ailein 'ic Iain.

B' e Alasdair Dòmhnallach, Dallas, a rinn an t-òran Machair Bhòrnais, mac Dhòmhnaill Ruaidh.

Tha sinn an comain Ritchie, mac Iagain Dhòmhnaill 'ic Dhòmhnaill Ruaidh airson an fhiosrachaidh seo.

Clàr sgrìobhaidhean

Fàgail Bhòrnais