Ciad ainm Raibeart
Cinneadh Burns
Bliadhna breith 1759
Bliadhna bàis 1796

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Àir

Paraiste - Inbhir Àir

Baile/Àite - Allmhagh

Àireamh an neach 11202

Eachdraidh-beatha

Rugadh Raibeart Burns ann an Alloway, dà mhìle deas air Inbhir Àir, air 25 Faoilleach 1759. B' e tuathanaich aig an robh fearann air mhàl a bha na phàrantan ach rinn iad cinnteach gun d' fhuair Raibeart òg deagh sgoil. Bha e air leth dèidheil air leughadh agus thug sgrìobhaichean leithid Alexander Pope agus Lawrence Sterne buaidh air. Cha robh obair chruaidh air tuathanas an teaghlaich a' tighinn air agus thòisich e a' cur seachad barrachd is barrachd ùine air bàrdachd, òl agus boireannaich. Bhiodh e cuideachd a' cruinneachadh òrain agus a' cur facail ùra uaireannan ri seann fhuinn, fuinn Ghàidhlig nam measg.

Rè ùine, phòs e Sìne Armour, màthair do chàraid chloinne a bh' aige, agus nuair a thàinig sgaradh anns a' chàirdeas eatarra, theab e an dùthaich fhàgail le Highland Mary, Màiri Chaimbeul. Chaochail Màiri gu h-obann agus chùm sin, agus an fhèill a bh' air a' chiad chruinneachadh den bhàrdachd aige, e ann an Alba.

'S e Ae Fond Kiss an t-òran as ainmeile a rinn e agus 's ann ri linn càirdeas a bha eadar e fhèin agus Agnes McLehose, ris an do choinnich e an Dùn Èideann ann an 1787, a rinn e an t-òran. Bha Agnes pòsta ach dealaichte bhon duine aice, agus thairis air dà bhliadhna (1787 agus 1788) bha Raibeart agus i fhèin a' sgrìobhadh litrichean gu chèile, uaireannan dà thuras san aon latha. B' ann an 1792, agus e air cluinntinn gun robh Agnes am beachd a dhol a-null thairis, a sgrìobh e Ae Fond Kiss.

Chaochail Raibeart Burns air 21 Iuchar 1796, 's gun e ach 37 bliadhna a dh'aois.

Clàr sgrìobhaidhean

Aon Phòg Ghràidh