Ciad ainm Iain
Cinneadh Mac a' Ghobhainn
Sloinneadh Iain Chaluim Ruaidh
Bliadhna breith 1857
Bliadhna bàis 1924

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Ùig

Eilean - Beàrnaraigh

Baile/Àite - Bostadh

Àireamh an neach 11209

Eachdraidh-beatha

Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn, Iain Chaluim Ruaidh, ann am Bostadh, ann am Beàrnaraigh Leòdhais air 26 Dùbhlachd 1857. B' e am mac bu shine de cheathrar cloinne a bh' aig Calum Mac a' Ghobhainn agus Màiri NicÌomhair, Màiri Thormoid, à Tòpsann. Ghluais an teaghlach à Bostadh ann an 1878 gu 18 Circebost. Dh'fhalbh na daoine à Bostadh a chionn 's nach robh mòine air fhàgail dlùth gu leòr dhan bhaile airson connadh a chumail riutha agus fhuair iad fearann ann an Circebost.

Tha e coltach gur e duine iongantach a bh' ann an Iain Chaluim Ruaidh oir, a dh'aindeoin 's nach d' fhuair e foghlam foirmeil, bha comas leughaidh agus sgrìobhaidh aige ann am Beurla agus ann an Gàidhlig. 'S e croitear agus iasgair a bh' ann ann an làithean òige agus bàrd comasach a rinn iomadach òran. Bha e glè òg nuair a chaidh iompachadh agus bhon àm sin b' e laoidhean agus dàin spioradail a bhiodh e a' sgrìobhadh.

B' ann anns na Hearadh a chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe a bheatha. Bha e na mhiseanaraidh ann an Sgalpaigh airson ochd bliadhna deug. Thug e greis ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath, agus an dèidh sin thill e air ais do na Hearadh, do na Buirgh. Bha fear dhe a bhràithrean, Dòmhnall, no Doisean mar a chante ris, na mhiseanaraidh cuideachd, ann an Nis agus ann am Bàigh na Hearadh.

Ged a bha Iain Chaluim Ruaidh pòsta trì uairean cha robh teaghlach aige ach aon leanabh a bha marbh ga bhreith. Ann an 1896 phòs e Màiri NicCumhais às na Hearadh, piuthar-athar an Urr. Aonghas MacCumhais, a bha na mhinistear ann an Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh aig aon àm. Chaochail ise nuair a rugadh an leanabh. Phòs e Màiri NicDhòmhnaill, à Griomasaigh, Uibhist a Tuath, ann an 1914, ach chaochail ise goirid an dèidh dhaibh pòsadh. Chaidh a mhàthair a dh'fhuireach do na Hearadh còmhla ris nuair a bha i suas ann am bliadhnaichean agus choisich i do na Hearadh tro bheanntan Ùige agus cheann a tuath na Hearadh. Ann an 1919 phòs e Màiri NicIllFhinnein, às na Buirgh. Bha Màiri mu dheich bliadhna fichead na b' òige na a cèile agus bha i beò chun nan leth-cheudan. Bha i ag obair ann an Loidse nam Borgh agus b' i a chruinnich mòran de na sgrìobhaidhean aig Iain.

Chaochail Iain Chaluim Ruaidh ann an Sgarastadh Mhòr air 14 Giblean 1924, agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Roghadail, ri taobh a mhàthar.

Clàr sgrìobhaidhean

'S e Ìos' na Aonar