Ciad ainm An t-Urr. Tormod
Cinneadh MacLeòid
Far-ainm Caraid nan Gàidheal
Bliadhna breith 1783
Bliadhna bàis 1862

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - A' Mhorbhairne

Baile/Àite - Loch Àlainn

Àireamh an neach 11241

Eachdraidh-beatha

Bhuineadh an t-Urramach Tormod MacLeòid do theaghlach ainmeil às a’ Mhorbhairne. Thàinig iad bho fhear, Dòmhnall MacLeòid, aig an robh taca Shuardail faisg air Dùn Bheagain ann am meadhan an ochdamh linn deug. B’ e Gobha Shuardail no An Gobha Mòr a chanadh ris, oir bha e a’ dèanamh chlaidheamhan do chinn-chinnidh nan Leòdach. Bha e air innse gur e duine cràbhach a bh’ ann, a bha am measg na ciad feadhainn a thòisich a’ cumail adhradh teaghlaich ann an sgìre Dhiùranais. Phòs Gobha Shuardail Anna Chaimbeul, tè de Chaimbeulaich Sgalpaigh na Hearadh. Bha co-dhiù dithis mhac agus aon nighean aca.

B’ e Tormod aon de na mic. Rugadh e ann an 1745 agus, aig aois 18, thug seanadh Ghlinn Eilg bursaraidh dha de £6 sa bhliadhna, a chuidich e a dhol a dh’Obar Dheathain airson foghlam fhaighinn. Thug e greis na mhaighstir-sgoile ann an Diùranais, agus ann an 1775 chaidh a shuidheachadh na mhinisteir sgìre sa Mhorbhairne far an robh e gus an do chaochail e ann an 1824 aig aois 80.

Bha dithis mhac aig Tormod, Tormod Òg agus Iain, agus b’ e Tormod Òg (1783–1826) ùghdar an òrain Soraidh Slàn le Fionnairigh. Bha Tormod iomraiteach mar mhinisteir ann an Ceann Loch Chille Chiarain, an Campsie, agus Eaglais Chaluim Chille ann an Glaschu. Ach a bharrachd air sin choisinn e cliù maireannach mar Charaid nan Gàidheal. A’ bruidhinn mu dheidhinn air prògram Gàidhlig air a’ BhBC air an 11mh den Ògmhios 1957, thuirt an t-Urramach Tòmas MacCalmain:

“Rinn e furtachd air droch chor nan Gàidheal gu lèir ri amannan mòr-ghainne, agus chuir e gu mòr ri litreachas na Gàidhlig, an dà chuid an rosg agus am bàrdachd.”

Air prògram eile, air an 25mh den Chèitean 1953, mhìnich Mgr MacCalmain mar a rinneadh an t-òran Soraidh Slàn le Fionnairigh:

“Bha e na mhinisteir ann an Ceann Loch Chille Chiarain an t-àm a sgrìobh e an t-òran. Bha e fhèin is bana-charaid còmhla aon latha agus, a rèir coltais, chuir iad romhpa feuchainn cò b’ fheàrr is bu luaithe a sgrìobhadh òran ùr. Cha robh esan fada ris. Goirid an dèidh sin chualas an t-òran air a sheinn air sràidean a’ bhaile agus cha do chòrd seo idir ris. Dh’fheuch e ri stad a chur air daoine a bhith ga sheinn. Gu fortanach cha do shoirbhich leis.”

Clàr sgrìobhaidhean

Soraidh Slàn le Fionnairigh