Eachdraidh-beatha
Rugadh Anndra Noble anns na Hearadh ann an 1823, mac le Tòmas Noble à Kirkhill an Inbhir Nis agus Catrìona Fhriseal. Bha Tòmas na fhear-teagaisg anns na Hearadh aig aon àm, ann am Pabaigh a rèir coltais mu 1820, anns an Eilean Sgitheanach agus 's dòcha an Uibhist a Tuath. Bha ochdnar theaghlach aige, triùir bhalach agus còignear nighean. Ged nach eil fhios an robh Anndra air a bhreith mus do dh'fhàg an teaghlach Kirkhill, tha fios gun tug e greis ann an Sgoil Inchberry far an robh Laideann air a theagasg.
Bha Anndra pòsta aig Mairead NicCoinnich agus b' e miseanaraidh, ceistear agus fear-teagaisg a bh' ann a thug mu fhichead bliadhna a' saothrachadh anns an Eilean Sgitheanach. Bha meas mòr air mar shoisgeulaiche ged nach robh dreuchd ministeir aige.
Anns an iris Gairm 85, sgrìobh an t-Urramach Iain MacAonghais, a' Chananaich, mu na chuala e fhèin na òige mu Anndra Noble: "Duine sìobhalta neo-lochdach, agus cha robh smal air a chliù. Duine nach robh dèidheil air a bhith smachdail mar a bha cuid de a dhreuchd."
Tha an t-Urramach MacAonghais ag innse mar a thachair do dh'Anndra bochd turas 's e a' ceasnachadh an t-sluaigh ann an taigh am baile Ramasaig. Bha cìobair Hearach anns an Eilean aig an àm, "Duine beag làidir ruighinn a bha ann. Bha facal geur eirmseach aige airson gach cùis, agus bha e ainmeil airson geur-labhairt agus bearradaireachd." Nochd an cìobair Hearach ann an Ramasaig, acrach agus pàiteach, 's e air tighinn astar a choimhead a chàirdean. Dh'fhosgail e doras an taighe 's cha do chòrd na chunnaic e ris idir. Mar a tha an t-Urramach MacAonghais ag innse:
"Dè a choinnich a shùil ach a' mhòr-chuid de mhuinntir Ramasaig nan suidhe gu dòigheil sòlaimte anns a' chidsin agus Anndra Noble, ceistear a' ghlinne, air an ceann. Bha an Ceasnachadh a' dol air adhart, 's balach òg 's coltas diùid, nàrach air, a' gleachd ris a' Ghairm Èifeachdach no ri Fìreantachd tre Chreideamh. Bha a h-uile coltas gun maireadh an Ceasnachadh uair no dhà fhathast. Cha robh an smuain sin idir a' còrdadh ris a' chìobair, pàiteach, acrach mar a bha e. Chuir e roimhe gun cuireadh e stad air an deagh obair, agus bha a dhòigh fhèin aige air sin a dhèanamh. Chuir e fàilte chridheil air a' chuideachd. 'Cha leig sibh a leas am balach laghach sin a cheasnachadh. Tha fios agam gu bheil na ceistean aige air a theangaidh.' Agus an sin sheall e air Anndra, agus snodha-gàire air, agus thuirt e: 'Ah, Anndra, is mi fhìn tha toilichte ur faicinn an-diugh 's sibh a' coileanadh dleastanas cho beannaichte. Chan ann mar seo a bha e uaireigin. Nach iomadh oidhche aighearach a bha aig an dithis againn o chionn fhada am baile Phort Rìgh. Ach bha sin mun tàinig atharrachadh nan gràs oirbhse. Ach, a bheil cuimhne agaibh air an latha ud air mullach Druim Ùidh, an latha a bha sibh fhèin agus an Ceàrd Mòr a' sabaid? Chan fhaca mise tuasaid cho tapaidh on latha sin fhèin. 'S mi fhìn a bha uasal asaibh gun do ghabh sibh air.' Dè a b' urrainn Anndra bochd a dhèanamh ach crìoch chabhagach a chuir air a' Cheasnachadh mus cuimhnicheadh an cìobair Hearach air tuilleadh de sgeulachdan mì-tharbhach."
B' e gheat a bha aig ceannaiche air an robh Coinneach Caimbeul a bh' anns a' Hilda. Aig an àm a chaidh an t-òran Òran a' Hilda a dhèanamh, b' ann air an Tairbeart a bha muinntir Sgalpaigh ag adhradh agus sin cuideachd far am biodh pòsadh, baisteadh 's òrduighean. Bha dithis mhinistearan ag iarraidh a-null dhan Eilean Sgitheanach aig deireadh òrduighean agus thabhainn Coinneach Caimbeul còmhdhail dhaibh.
Chaochail Anndra Noble, aig aois 76, anns an Leth Pheighinn ann an Gleann Dail air 28 Cèitean, 1899. Tha e air a thiodhlacadh ann an Gleann Dail.
Clàr sgrìobhaidhean
Òran a' Hilda