Eachdraidh-beatha
Rugadh Calum MacAonghais (Calum Mòr) anns an Druim Fheàrna san Eilean Sgitheanach ann an 1871. Fhuair e fhoghlam ann an Sgoil Phort Rìgh agus an uair sin Sgoil Raining an Inbhir Nis. Chaidh e às dèidh sin gu Oilthigh Dhùn Èideann. Ann an 1901 chaidh e a dh'Afraga a Deas agus eadar 1907 agus 1926 agus bha e na rùnaire aig Bòrd nan Sgoiltean ann an Johannesburg. Nuair a thill e a dh'Alba, tha e coltach gun tug e greis a' fuireach mu Ostaig san Eilean Sgitheanach, ach ghluais e gu sgìre Inbhir Nis far an do chuir e seachad an còrr dhe a bheatha.
Bha eòlas farsaing aige agus sgrìobh no dheasaich e grunn leabhraichean ann am Beurla agus ann an Gàidhlig, nam measg dealbhan-cluich, operettas agus puirt pìoba. Bha e cuideachd mar mheadhan air an cruinneachadh de sheanfhacail air an do rinn Alasdair MacNeacail ath chlò-bhualadh, ach an turas seo le clàr chuspairean a leigeadh le daoine seanfhacail a lorg a rèir cuspair. Gu mì-shealbhach, chaochail e an t-seachdain a bha an leabhar deiseil gu dhol gu clò. A rèir coltais b' e deagh phìobaire a bh' ann agus bhiodh e tric na bhritheamh aig farpaisean.
Air prògram Gàidhlig a' BhBC ann an 1947 bhruidhinn an t-Ollamh Dòmhnall Seumas MacLeòid air Calum Mòr mar ùghdair an òrain Caidil ù ò:
"Calma na cholainn, is tric a nochd e gnìomh gaisgich le òrd is clach-neirt air an fhaiche chòmhraig agus, an gleac no an deasbaireachd, cha b' e sùgradh a dhol na dhàil. Tha Calum mòr na chruth – is e a chuireadh an taic ri geimhleig, no cabar; mòr na ghibhtean, oir chuir e a-mach àireamh leabhraichean òran is leabhar tomadach anns a bheil sia fichead fonn de cheòl na pìoba. Tha e cho deas na bhàrd sa Bheurla 's a tha e sa Ghàidhlig, is comas air leth sònraichte aige ann a bhith a' riochdachadh sa Bheurla binneas bàirdeil na Gàidhlig."
Mar a mhìnich an t-Ollamh Dòmhnall Seumas MacLeòid, bhiodh Calum a' cleachdadh seann fhuinn ach a' cur facail ùra riutha:
"Chaidh na fuinn ... a thogail le Calum mar a chuala a chluas iad aig an taigh, aig bun-teintean na cèilidh, is a bhàrdachd mar a dheachd a mhac-meanmain fhèin – bàrdachd a tha a' taisbeanadh spiorad a dhùthchais le dian-dhùrachd a chridhe."
Chaochail Calum MacAonghais ann an Inbhir Nis ann an 1951 aig aois 88. Agus anns an dealachadh, thuirt iad mu dheidhinn:
"Ann an còmhradh thig e lom is dìreach; mas coma leis an Rìgh Calum, is coma le Calum co-dhiù. Tha e gun fhathamas do dhuine seach duine."
Clàr sgrìobhaidhean
Caidil ù ò