Eachdraidh-beatha
Rugadh Calum Camshron (Calum Dhòmhnaill 'ic Raghnaill Bhàin) ann an 1898. Ghluais an teaghlach gu ruige Grèinetobht nuair a chaidh taca Sholais a bhristeadh na bhailtean ann an 1899 agus rinn iad an dachaigh aig 6 Grèinetobht.
Thàinig Calum sàbhailte tron Chiad Chogadh Mhòr agus phòs e Peigi NicDhòmhnaill (Peigi Lachlainn Thàilleir) à Màlacleit. Ann an 1953 ghabh iad Dòmhnall Camshron air uchd-mhacachd. Bha Calum na chroitear.
A' cuimhneachadh air, thuirt Dòmhnall: "'S e duine bàidheil, socair a bha an Calum is bha e na athair gràdhach. Nam inbheach, chuir mise eòlas pearsanta air na h-uimhir de Ghillean Uibhist, a thill slàn. Thuig mi glè fhurasta carson a sgrìobh e na briathran làidir a chuir e dhan òran."
B' e duine mòr eireachdail a bh' ann an Calum. Bha guth-seinn math aige agus bhiodh e a' cur a-mach na loidhne anns an Eaglais Shaoir Chlèirich an Uibhist a Tuath. B' e Gillean Uibhist an aon òran a rinn e cho fad 's a tha fios aig a theaghlach. B' e Gillean Uibhist a tha air an ainmeachadh anns an òran gillean à Uibhist a Tuath a bha air an toirt nam prìosanaich leis na Gearmailtich nuair a chaidh an 51st Highland Division a ghlacadh aig Saint-Valery-en-Caux anns an Fhraing anns an Ògmhios 1940.
Chaochail Peigi ann an 1965 agus Calum ann an 1970.
Clàr sgrìobhaidhean
Gillean Uibhist