Eachdraidh-beatha
Rugadh Alasdair Dòmhnallach, am mac bu shine a bh' aig a' bhàrd ainmeil Ailean an Ridge Dòmhnallach agus a bhean Catrìona Nic a' Phearsain, ann an 1823. Nuair a bha e mu cheithir bliadhna fichead dh'fhàg e Mabou airson a dhol a dh'fhuireach aig an Abhainn a Deas ann an Siorrachd Antigonish air tìr-mòr Alba Nuaidh.
Rinn e grunn òrain a' moladh àite àraich. Tha aon dhiubh sin, Chì Mi Bhuam, a rinn e latha 's e a' coimhead à Ceap Sheòrais thairis air Caolas Northumberland gu a sheann dachaigh am Mabou, ag ràdh:
'S e na thug mi dhith de m' rùn
Rinn mo dhùsgadh gu dàn,
'S gu bheil m' fharmad ris gach gnùis
Tha mu bhruaichibh a' tàmh.
Gu bheil togradh ann am inntinn
Bhith leibh mar a bha,
Ged tha fios agam 's cinnt
Ribh nach till mi gu bràth.
Anns an leabhar de bhàrdachd Ailein an Ridge, As a' Bhràighe (University College of Cape Breton Press, 2004) a dheasaich Oighrig Rankin [2465], tha e air innse gu robh Alasdair na dhuine aig an robh iomadh tàlant. B' e saor a bh' ann, ach bha e cuideachd na bhàrd agus na sheinneadair agus na fhìdhlear.
Thug e leis mòran den eòlas agus den fhiosrachadh a bha aig athair agus bhiodh e tric a' sgrìobhadh gu pàipearan ionadail leithid MacTalla agus an Casket. Chuir e cuideachd fiosrachadh gu Keith Tormod Dòmhnallach a chleachd e anns an dà leabhar The Gesto Collection (1895) agus The MacDonald Bards (1900).
Clàr sgrìobhaidhean
Moladh Mhàbou