Ciad ainm Ailean
Cinneadh MacDhùghaill
Far-ainm Ailean Dall
Bliadhna breith c.1750
Bliadhna bàis 1829

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Lios Mòr is An Appain

Baile/Àite - Gleann Comhann

Àireamh an neach 11303

Eachdraidh-beatha

Bha Ailean Dall MacDhùghaill, a rugadh an Gleann Comhan mun bhliadhna 1750, ag ionnsachadh a bhith na thàillear nuair a chaill e a fhradharc. Chluicheadh e an fhidheall agus, an dèidh sin, bha e a' faighinn beagan cosnaidh a' cluiche aig bainnsean 's cuirmean eile.

Mun bhliadhna 1790 ghluais e le theaghlach gu taigh nam bochd ann an Inbhir Lòchaidh faisg air a' Ghearasdan. An ceann ùine, leis an fhèill a bha air na h-òrain aige, smaoinich e air an deasachadh airson am foillseachadh agus fhuair e cuideachadh bho bhàrd eile, Eòghann MacLachlainn [11030], a bha aig an àm na mhaighstir-sgoile an Obar Dheathain, airson sin a dhèanamh. Goirid an dèidh dhan leabhar aige nochdadh sa bhliadhna 1798, thàinig e fo sgèith Alasdair Ronaldson Dòmhnallach Ghlinne Garadh, a thug dha taigh agus taic. Rinn e dàin molaidh do theaghlach Ghlinne Garadh mar a bhiodh dùil, ach òrain air cuspairean eile cuideachd, mar eisimpleir a' mhisg agus an aimhreit a dh'fhaodas i adhbharachadh eadar fear agus bean. Tha Iain MacCoinnich, fear-deasachaidh an leabhair Sàr Obair nam Bàrd Gàidhealach, a' toirt dhuinn dealbh dhen bhàrd:

"In personal appearance Allan McDougall was thin and slender and somewhat diminutive in size. He commonly wore a black fillet over his eyes. He was seldom out of humour and very rarely nursed his wrath so long as to lead him to indulge in satire." Bha cruinneachadh òrain eile leis ga dheasachadh an 1826 agus shiubhail e tro Earra-Ghàidheal, Siorrachd Inbhir Nis agus Siorrachd Rois a' cruinneachadh ainmean dhaoine a cheannaicheadh e. Fhuair e mìle ainm agus chaidh an cruinneachadh gu clò ann an 1829. Gu mì-shealbhach, chaochail e mus robh e deiseil agus chaidh adhlacadh ann an Cill Fhìonain.

An-diugh 's dòcha gu bheil sinn a' cuimhneachadh air gu h-àraidh airson Òran do na Cìobairean Gallta, a rinn e an aghaidh nan cìobairean Gallta agus an treudan chaorach, a bha dhàsan nan samhla air fàsachadh na Gàidhealtachd:

Thàinig oirnn do dh'Albainn crois
Tha daoine bochda nochdte ris
Gun bhiadh, gun aodach, gun chluain,
Tha 'n Àirde Tuath an dèidh a sgrios;
Chan fhaicear ach caoraich is uain
Goill mun cuairt dhaibh air gach slios
Tha gach fearann air dol fàs
Na Gàidheil 's an cinn fo fhliodh.


Clàr sgrìobhaidhean

Òran Leannanachd (Nam Gaighinn Gille ri Cheannachd)