Ciad ainm Aonghas
Cinneadh Caimbeul
Far-ainm Am Bàrd Sgallach
Bliadhna breith c.1771
Bliadhna bàis 1843

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Beinn a' Bhadhla

Baile/Àite - An Àird

Àireamh an neach 11304

Eachdraidh-beatha

Bha Aonghas Caimbeul, Aonghas mac Dhòmhnaill 'ic Eòghainn, no am Bàrd Sgallach, beò uaireigin anns an dara leth dhen t-seachdamh linn deug is mu thoiseach an ochdamh linn deug. B' e tàillear a bh' ann, a bhiodh tric a' frithealadh air uaislean Uibhist agus air na Dòmhnallaich, gu h-àraidh de mhuinntir Bheinn a' Bhadhla. Bha e ainmeil na latha airson cho sgaiteach 's a bha e, daonnan a' cluiche chleasan air daoine eile agus a' tarraing asta.

Rinn e Marbhrann do dh'Fhear Àirigh a' Mhuilinn an dèidh do dh'fhear a bhith air a bhàthadh ann an tubaist ann an Loch Aoineart mun Fhaoilleach 1809. B' e Fear Àirigh a' Mhuilinn a chante ris a' Chaiptean Aonghas Òg Dòmhnallach, mac le bràthair Flòraidh NicDhòmhnaill a chuidich am Prionnsa Teàrlach nuair a bha e fon choill an dèidh Blàr Chùil Lodair. A rèir na sgeòil, bha triùir ghillean còmhla ris ann an sgoth agus iad a' dol le luchd mhòr ceilp gu bàta-ceilpe a bha aig acair san loch. Bha an t-sìde bagarrach agus ged a dh'iarr Aonghas Òg air a chompanaich pàirt dhen cheilp a thilgeil thairis air a cliathaich, dhiùlt iad sin a dhèanamh. Aig a' cheann thall chaidh an sgoth fodha. B' e snàmhaiche làidir a bh' ann an Aonghas is thug e na ràimh do a chompanaich mar tha am bàrd ag innse:

Thug thu ràimh do na gillean,
Cha robh tuilleadh a dhìth ort;
Bha thu 'n dùil mar a b' àbhaist
Gun robh do shnàmh mar an fhaoileag;
Gun robh do shnàmh mar an eala,
A dh'fhalbhadh aigeannach, aotrom;
Pearsa dhìreach, dheas, dhealbhach,
'S bochd a dh'fhalbh thu gun aois uainn.


Thòisich Aonghas ri snàmh chun na tìr ach a' chionn 's gun robh e am beachd a dhol a shealg an dèidh faighinn cuidhteas an luchd ceilp, bha grunn chon san sgòth cuideachd. Ghabh iad sin grèim air am maighstir airson a tharraing gu sàbhailteachd ach 's ann a rinn seo a shuidheachadh na bu mhiosa agus chaidh a bhàthadh.

Dh'fhàg Am Bàrd Sgallach sealladh againn air dachaigh Aonghais Òig Àirigh a' Mhuilinn ann an òran eile:

Gheibhte siud am beul feasgair
Ann ad fhàrdaich-sa beadradh is mùirn;
Bùird mhòra gan leagadh
Is an àirneis bu deis os an cionn;
Bhiodh na deochanna brasa
Gam brosnacha seachad air thùs,
Anns na cupanna breaca
Is fir òga gan aiseag gu dlùth.

Gheibhte siud ann ad fhàrdaich
Ceòl fìdhl' agus dàna cur leis;
Taigh nan uinneagan clàraidh
Far am faigheadh na h-àraidhean meas.
Dhòmhsa b' fhurasta ràdhtainn
Gum b' e siud mo cheòl-gàire car greis,
Cha biodh cuideachd mar dhàimh ort
Bhiodh tu fhèin nad cheòl-gàire nam measg.


Clàr sgrìobhaidhean

Marbhrann do dh'Fhear Àirigh Mhuilinn