Ciad ainm Gilleasbaig
Cinneadh Dòmhnallach
Far-ainm An Ciaran Mabach
Sloinneadh Gilleasbaig Ruadh mac mhic Dhòmhnaill
Bliadhna breith Early 17th cent.
Bliadhna bàis [?]

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Slèite

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Àireamh an neach 11331

Eachdraidh-beatha

B' e bràthair Sir Seumas Mòr Dòmhnallach, Triath Shlèite san Eilean Sgitheanach, a bh' ann an Gilleasbaig Ruadh Dòmhnallach, am bàrd ris an cante An Ciaran Mabach. B' e Dòmhnall Gorm Òg athair.

Rugadh e tràth san t-seachdamh linn deug agus, ann an 1654, fhuair e fearann ann am Borgh na Sgiotaig anns an Eilean Sgitheanach. Ach tha e coltach gun robh fearann aige cuideachd an Uibhist a Tuath. Sin far an robh e ann an 1665 nuair a bha e ag obair às leth a bhràthar ann a bhith a' dèanamh cinnteach gum biodh murtairean an dithis bhràithrean, Alasdair agus Raghnall na Ceapaich, air am peanasachadh. Ann an strì airson ceannardas air Dòmhnallaich na Ceapaich, chaidh na bràithrean a mharbhadh san t-Sultain 1663. Chaidh seachdnar a ghlacadh airson na h-eucoir seo agus chaidh an dì-cheannadh. Tha Tobar nan Ceann, far an deach na cinn aca a nighe mus deach an sealltainn do MhacDhòmhnaill Ghlinne Garadh, ri faicinn faisg air Inbhir Garadh chun an latha an-diugh.

Chan eil mòran fios a bharrachd ri fhaighinn mun Chiaran Mhabach, agus cha mhotha a tha mòran dhen bhàrdachd aige air sgeul. Tha marbhrann ann do Shir Seumas Dòmhnallach Shlèite:

Fàth m' acain 's mo thùrsa
Nach dùisgear le teud thu
No le torghan na fìdhle
Mo dhìobhail 's mo lèir-chreach;
Fhir a chumadh i dìonach
Dh'aindeoin sìontan gan eiread
Thu 'n-diugh fo leacan na h-ùrach
Gun mo dhùil ri thu èirigh.


Tha e air a ràdh gun do rinn An Ciaran Mabach B' annsa Cadal air Fraoch turas is e an Dùn Èideann fo làmh dhotairean is e an dèidh a chas a sgochadh. Am measg nan àiteachan a tha air an ainmeachadh anns an òran, tha àiteachan anns an Eilean Sgitheanach, ann an Leòdhas, agus ann an Uibhist a Tuath.

Clàr sgrìobhaidhean

B' annsa Cadal air Fraoch