Eachdraidh-beatha
S e Alasdair mac Mhaighstir Alasdair bàrd cho ainmeil agus a bha anns an ochdamh linn deug. Bha e càirdeach do theaghlach Chloinn Raghnaill agus Dòmhnallaich nan Eilean. B' e e fhèin agus Fionnghal NicDhòmhnaill, a chuidich am Prionnsa Teàrlach, clann an dithis bhràithrean. Sgrìobh e dàin de dh'iomadh seòrsa – air nàdar, air gaol, air boireannaich, air ar-a-mach 's poilitigs, aoirean 's drabastachd – agus b' e a sgrìobh a' chiad dàn mòr, no epic, ann an Gàidhlig. Tha òrain leis air an seinn fhathast.
Rugadh e eadar 1690 agus 1700 ann an Dail an Lèigh ann am Mùideart. Bha athair na mhinistear agus na dheagh sgoilear, a rèir coltais, agus b' esan a theagaisg Alasdair òg. Chaidh Alasdair do dh'Oilthigh Ghlaschu agus ged a tha e coltach gun robh e na sgoilear math cha do chrìochnaich e a chùrsa. Phòs e Sìne Dhòmhnallach à Gleann Èite. Mu 1729 bha e a' teagasg ann an tè de na sgoiltean a bha aig a' Chomann airson Adhartachadh Eòlas Crìosdail ann an Alba, an S.S.P.C.K. (Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge) ann an Eilean Fhìonain, agus bha e na cheistear dhan bhuidheann sin cuideachd. Chaidh e à sin a Chill Chomhghain ann an 1738, agus an ath bhliadhna a Choire a' Mhuilinn far an do sgrìobh e an t-òran Allt an t-Siùcair. Sin far an robh e ann an 1741 nuair a chuir e an clò faclair Gàidhlig, a' chiad leabhar ùr Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh.
Anns a' bhliadhna 1745 leig Alasdair seachad teagasg, agus chaidh e an sàs ann an ar-a-mach nan Seumasach. Bha e ann an arm a' Phrionnsa bhon latha a chaidh a' bhratach a thogail an Gleann Fhionghain gus an tàinig crìoch air an t-strì. Bha e air fhastadh airson Gàidhlig a theagasg dhan Phrionnsa Teàrlach ri linn 's cho fileanta 's a bha e fhèin innte, 's cho sgileil 's a bha e air a cleachdadh. An dèidh Blàr Chùil Lodair, bha e fhèin agus a bhean nam fògarraich. Nuair a shocraich cùisean an dèidh Bliadhna Theàrlaich, fhuair Alasdair baile fearainn air an robh an t-ainm Eigneig air Oighreachd Chlann Raghnaill, agus ann an 1751 rinneadh e na bhàillidh air Eilean Chanaigh. B' e seo cuideachd a' bhliadhna a chuir e a-mach a' chiad chlò-bhualadh de a bhàrdachd anns an leabhar Ais-eirigh na Sean Chànain Albannaich. B' e Seumasach gu cùl a bh' ann an Alasdair agus ann an iomadh dàn tha e a' nochdadh a' ghràin a bh' aige air an riaghaltas. Ged nach deach e fhèin a chur an grèim, chaidh an àireamh nach robh air an reic den leabhar aige a chur an grèim agus a losgadh le fear-crochaidh baile Dhùn Èideann ann an 1752. Chan eil ach mu dhusan leth-bhreac air lorg an-diugh.
An dèidh seo bha e a' fuireach greisean an Gleann Ùig, an Cnòideart, am Mòrar agus an Àrasaig. Bhiodh e a' dol cuairtean a dh'Uibhist a Deas far an robh a bhràthair, Lachlann, na fhear-taca. Chaochail Alasdair mac Mhaighstir Alasdair mun bhliadhna 1770 agus chaidh a thiodhlacadh an Cladh Chille Mhoire an Àrasaig.
Clàr sgrìobhaidhean
A Bhanarach Dhonn a' Chruidh
Ailein, Ailein 's Fhad' an Cadal
Allt an t-Siùcar
O Hì Ri Ri, Tha E Tighinn
Òran Eile Don Phrionnsa