Ciad ainm Gilleasbaig
Cinneadh Dòmhnallach
Far-ainm Gille na Ciotaig
Bliadhna breith c.1750
Bliadhna bàis c.1815

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Paibeil

Àireamh an neach 11338

Eachdraidh-beatha

Rugadh Gilleasbaig Dòmhnallach (Gille na Ciotaig) am Paibeil an Uibhist a Tuath mu 1750. Fhuair e am far-ainm a chionn 's gun robh a ghàirdean chlì nas giorra na an àbhaist agus cha robh òrdagan air a làimh.

Bha sgeulachd air a h-innse gun robh a phàrantan, len dithis mhac nan cois, air an àirigh an Uibhist nuair a thàinig an t-uachdaran, Sir Seumas Dòmhnallach, an rathad 's e a-muigh a' sealg. Thug màthair Ghilleasbaig dha deoch bhainne agus, anns a' chòmhradh a lean, dh'innis i dha mun chiorram a bh' air a' ghille. Nuair a fhuair an t-uachdaran a-mach ainm a' ghille thuirt e gun robh e duilich nach tugadh Colla mar ainm air a' bhalach gus am biodh Colla Ciotach eile am measg Chloinn Dòmhnaill. A dh'aindeoin an ainm, tha e coltach gun tug e airgead dhaibh airson cuideachadh le foghlam a' ghille.

Feumaidh gun d' fhuair Gilleasbaig deagh fhoghlam san sgoil an Uibhist agus gun robh e math air sgrìobhadh, a chionn 's gun robh e ag obair aig aon àm don Bhàillidh Bhreac, bàillidh Chloinn Dòmhnaill, an Uibhist a Deas. Dheasaich e a bhàrdachd fhèin airson a chur an clò ach, air an t-slighe a dh'Inbhir Nis airson sin a dhèanamh, chaochail e ann an Cille Chuimein, far a bheil e air a thiodhlacadh.

Bha e air a ràdh, fhad 's a bha e an Cille Chuimein, gun do thachair e air Alasdair Stiùbhart a sgrìobh an t-òran A Mhàiri Bhòidheach 's a Mhàiri Ghaolach, agus gun d' fhuair esan sealbh air làmh-sgrìobhainn Ghilleasbaig an dèidh a bhàis agus gun do chleachd e e mar bhonn-stèidh air an do rinn e an cruinneachadh òrain a thàinig a-mach bhuaithe fhèin agus bho a bhràthair, Dòmhnall, fon ainm Co-chruinneachadh Taoghta de Shaothair nam Bard Gaelach, an Dùn Èideann sa bhliadhna 1804. Chan eil mòran fiosrachaidh againn mu dheidhinn an dithis seo, ach tha fios againn gun robh Alasdair Stiùbhart na mhaighstir-sgoile an Uibhist a Tuath agus gun do rugadh e sa bhliadhna 1764, agus gun do chaochail e sa bhliadhna 1821.

'S e aoirean agus bàrdachd àbhachdach ris am biodh Gille na Ciotaig ann am bitheantas. Bha e sgaiteach le theanga mar a chithear anns na ceathramhan a rinn e air bodach ann am Beàrnasdal san Eilean Sgitheanach a dhiùlt ionaltradh dhan each aige.

Bodach Bheàrnasdail à Uinnis,
Duine 's grànda tha san t-Siorrachd;
Bodach Bheàrnasdail à Uinnis
Ceann-cinnidh gach dèistinn.
Amhaich fhada corra-ghrithich
Nì thu fhathast cainb a ruigheadh
Amhaich fhada corra-ghrithich
Nì na fithich feust ort!


Dh'fhaodadh Gille na Ciotaig a bhith gu math nimheil. Rinn e Òran an Fhamhair do sheann saighdear nach b' fhiù leis:

'S tu oighr' Iain Sculair
'S tu diùdhaidh gach seanchais
'S tu 'n trustair san trùilleach
'S tu 'n scùm air gach salchair;
'S tu am broc an àm dùsgaidh
'S tu mùrlaig na talmhainn
'S tu breunan nam feara
Ged nach toil leat mo sheanchas.


Mar bu trice, bha Gille na Ciotaig eirmseach agus làn spòrs. Sgrìobh e ma b' fhìor marbhrann do dh'fhear Iain Ruadh Pìobaire, ged a bha deagh fhios aige nach robh e idir air bàsachadh:

'S iomadh aon tha gad ionndrainn
On chaidh ùir ort san uaigh;
An toiseach labhair an spliùcan
Bhiodh tu giùlain gach uair,
"Tha mi fèin gun tombaca
Cha b' e siud cleachdadh a fhuair
'S tric a chuir Iain fo m' achlais
Greim is cairteal is cuach."

Thuirt a' ghlainne bha 'n Asdain
"Mo sgeul chràiteach, ro chruaidh;
Dh'fhalbh mo shùgradh 's mo mhànran
Thug am bàs leis Iain Ruadh.
Fear a chluicheadh a' chlàrsach
Dhèanadh dàn agus duan;
Cha b' e Callainn a' chrampaidh
Fonn a b' fheàrr leis ga luaidh."

Thuirt am pige bha làmh ris,
"Faigh an àrca gu luath;
Cuir am chlaigeann-sa spàirt e
Tha tart 's gach àite mun cuairt.
Thàinig conntraigh na plàighe
Tha nithe gnàthaichte bhuainn;
Cha bhith reothairt gu bràth ann
'S ann a thràigheas an cuan."

Thuirt am buideal 's am botal
Thuirt an goc ris an stòp;
Thuirt an copan 's an t-slige
"'S mòr an sgrios th' air tigh'nn oirnn.
Tha gach sruth air a dhùnadh
Bha cur a dh'ionnsaigh nan lòn;
Chan fhaighear drap air an ùrlar
A fhliuchas brù Dhòmhnaill Òig."


An dèidh Marbhrann do dh'Iain Ruadh Pìobaire rinn Gille na Ciotaig òran eile, Aiseirigh Iain Ruaidh:

Hò rò gum b' èibhinn leam
A chluinntinn gun do dh'èirich thu;
'S ann leam is ait an sgeula sin
Gun deach an t-Eug cho teann ort.

Chuala mi gun d' chailleadh thu
'S gun do rinneadh d' fhalaire;
'S e cùis mun robh mi gearanach
Do bhean a bhith na banntraich.

Thug iad bho na h-òstairean
Buideal an bun tòrraidh dhut
Ma bheireas mi gun òl air
'S ann nì sinn seòrsa bainnse.

On tha 'n giuthas sàibht' agad
'S gun d' rinn an gobha tàirnean dhut,
'S ann theannas sinn ri bàta
Thèid gu Phàro dh'iarraidh branndaidh.

Cha bhi dad a dh'èis oirre
Gheibh i gach nì dh'fheumas i
Ni 'n lìon-aodach seòl meadhain dhi
'S gun dèan na spèicean crann di.

Chan easbhaidh nach bi ballaibh ann
Gu cuplaichean 's gu tarraingean;
Tha ròpaichean gun ghainne againn
'S gun ceangail sinn gu teann iad.

Chan eil m' inntinn gearanach
On chuir thu dhìot an galair ud
'S ann tha do phìob na deannal
A' toirt caithream air ceòl dannsa.


Tha e coltach gun robh Iain Ruadh Pìobaire air a dhòigh leis an dà òran.

Thathar a' smaoineachadh gun do rinn Gille na Ciotaig Banais Chiostal Odhar mu bhanais aimhreiteach, riaslach, a bh' ann an Ciostal, faisg air Ùig an Eilein Sgitheanaich, ged a tha fianais ann gun robh àite dhen ainm sin cuideachd an Uibhist a Tuath.

Chaochail Gille na Ciotaig ann an 1815.

Clàr sgrìobhaidhean

Banais Chiostal Odhar