Eachdraidh-beatha
Bha Alasdair Grannd (Alasdair mac Iain Bhàin) na shaighdear agus b' ann à Gleann Moireasdan a bha e, a rèir an Duanaire aig Dòmhnall Caimbeul Mac a' Phearsain [11299] a chaidh a chlò-bhualadh an Dùn Èideann ann an 1868.
Bha Mac a' Phearsain ag obair ann an Leabharlann nan Tagraichean an Dùn Èideann, ach b' ann à Both Fhionndain ann an Loch Abar a bha e, agus bhiodh e a' sgrìobhadh anns na h-irisean An Gàidheal agus The Celtic Magazine fon ainm Abrach. Thog e mòran de na h-òrain anns an Duanaire bho bheul-aithris ann am Bràigh Loch Abar.
Tha dreach eile de Òran an t-Saighdeir ri lorg anns an òraid leis an tiotal Leaves From My Celtic Portfolio, a thug Uilleam MacCoinnich do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis air 19 Dùbhlachd 1877.
Clàr sgrìobhaidhean
Òran an t-Saighdeir