Ciad ainm Cairistìona
Cinneadh Stone
Sloinneadh Cairistìona Mhurchaidh Choinnich Iain Dhòmhnaill Alasdair
Bliadhna breith 1961

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Col Uarach

Àireamh an neach 1776

Eachdraidh-beatha

Rugadh Cairistìona Stone ann an Col Uarach, air a' Bhac, Leòdhas, ann an 1961. B' e Murchadh Dòmhnallach, Murchadh Choinnich Tomaisean, no Moley, a h-athair. Bha a seanair air a bhith a' fuireach anns na Pollan Ruadh gus an deach iad gu Col Uarach agus b' e fear de na raiders a ghabh thairis am fearann a bha air a ghealltainn dhaibh nuair a chrìochnaicheadh an Cogadh. Le sin b' e athair Chairistìona a' chiad bhalach beag a bha riamh ann an Col Uarach. B' e Màiri an Stal a màthair agus bha a pàrantan a' ruith Oifig a' Phuist air a' Bhac fad fichead bliadhna. Tha sianar san teaghlach, ceathrar nighean agus dithis bhalach.

Chaidh Cairistìona gu Bun-sgoil a' Bhac, Sgoil MhicNeacail agus an dèidh sin gu Oilthigh Obar Dheathain airson trèanadh fhaighinn mar neach-teagaisg bun-sgoil. Bha i ag obair ann an Obar Dheathain airson dà bhliadhna an dèidh a trèanadh a chrìochnachadh. Phòs Cairistìona agus Howard Stone ann an 1981. Ged is ann an Sasainn a rugadh Howard, bha e air a' chuid as motha de bheatha a chur seachad ann am Bun Ilidh. Choinnich iad anns an eaglais ann an Obar Dheathain nuair a bha iad anns an oilthigh agus tha sianar chloinne aca, dithis nighean agus ceathrar bhalach. Ghluais an teaghlach a Dhùn Dè, far an robh iad airson faisg air còig bliadhna. Bha Howard, a bha na bhiochemist ann an Ospadal Ninewells, airson a dhol a-steach airson na ministrealachd agus chaidh iad a Dhùn Èideann airson leigeil leis sin a dhèanamh. Ann an 1993, chaidh iad gu Baile Chaisteil, ann an Gallaibh, far an robh Howard na mhinistear aig an Eaglais Shaoir gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2025.

Tha Cairistìona air a bhith a' seinn bho 's cuimhne leatha, agus sin le taic is teagasg bho a pàrantan. Bha a h-athair math air na sailm ionnsachadh dhan teaghlach. Bha a màthair gan toirt chun a' Mhòid ionadail a h-uile bliadhna, far an robh iad gu math soirbheachail. 'S fìor thoigh le Cairistìona a bhith a' seinn ach cha toigh leatha idir a bhith a' gabhail pàirt ann an co-fharpaisean. A dh'aindeoin seo choisinn i am Bonn Òir airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain ann an 2012. Fhad 's a bha i ann an Dùn Èideann fhuair i cuideachadh dha-rìribh le a cuid seinn bho Mhòrag NicLeòid [483], a bha aig an àm sin ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba.

Tha Cairistìona a' seinn gu tric aig na cèilidhean timcheall Ghallaibh agus tha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Mhealbhaich.