Ciad ainm Elizabeth
Cinneadh Sinclair
Ainm eile Lisa Storey
Sloinneadh Lisy Dhonnchaidh Mhòir
Bliadhna breith 1935

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Bhatarsaigh

Àireamh an neach 1862

Eachdraidh-beatha

Rugadh Lisy, Lisy Dhonnchaidh Mhòir, mar a bhite a' gabhail oirre, ann am Bhatarsaigh, an tè as òige de naoinear teaghlaich. 'S ann de mhuinntir Mhiughalaigh, eilean beag dusan mìle deas air Barraigh, a bha athair Lisy agus bha e air fear dhe na Raiders, buidheann de dh'iasgairean gun fhearann a ghabh sealbh air fearann Bhatarsaigh agus a chaidh don phrìosan ann an 1908. Chaidh i do Bhun-sgoil Bhatarsaigh, do dh'Àrd-sgoil Bhàgh a' Chaisteil, agus an uair sin gu àrd-sgoil sa Ghearasdan. Chùm i oirre gu Oilthigh Glaschu agus thrèan i mar thidsear ann an Colaiste Notre Dame.

Thill i an uair sin gu Barraigh na tidsear bun-sgoile airson greis. An uair sin, chuir i seachad còig bliadhna (còig bliadhna mhìorbhaileach, thuirt i fhèin) ann an Sgoil Eòlais na h-Alba ag obair air clàraidhean de sgeulachdan 's beul-aithris a chruinnich daoine mar Chalum MacIllEathain agus Seumas Ros. 'S ann am Barraigh agus Bhatarsaigh as motha a bha i fhèin a' clàradh. Bha e feumail gun robh eòlas aice air na daoine – na daoine aice fhèin, mar gum biodh.

Anns na 1970an, 's clann òg aice, 's i a' fuireach an Inbhir Nis, bha i mothachail do luach na cànan, ach nuair a chaidh i a shireadh leabhraichean Gàidhlig ri leughadh dhaibh, cha d' fhuair i ach leabhraichean sgoile anns nach robh sgeulachd sam bith (na beachd fhèin) a b' fhiach. Mar sin, chuir i roimhpe am beàrn sin a lìonadh, agus thòisich sreath de sgeulachdan a' sruthadh bho a peann, sgeulachdan le dealbhan brèagha dathte a rinn Màiri Hedderwick, sgeulachdan a dh'fhoillsich i fhèin mar Leabhraichean Beaga.

'S ann ann an 1975 a nochd a' chiad riochd den leabhar Bha Siod Ann Reimhid, stèidhichte air stòiridhean a bh' air an gleidheadh ann an Sgoil Eòlais na h-Alba. Rinn Lisy cruinneachadh agus deasachadh air an leabhar a chaidh fhoillseachadh leis an fhoillsichear Club Leabhar an Inbhir Nis. B' e amas Lisy, aig an àm:

"Taghadh goirid de sgeulachdan airson blasad beag den t-seòrsa beul-aithris seo a thoirt do chloinn aig nach eil cothrom a leithid a chluinntinn an-diugh [anns na 1970an]."

Bha i a' faicinn – eadhon anns a' ghinealach Gàidhlig aice fhèin – gum biodh cunnart ann nach biodh na sgeulachdan 'mìorbhaileach' seo gan innse tuilleadh, no cho tric. Bha cumhachd na Beurla a' tighinn – bha i a' sìor fhàs làidir. Lean i oirre a' foillseachadh, agus bha i an sàs ann an CLÀR, foillsichear neo-eisimeileach, suas gu 2021. B' e Muinntir Mhiughalaigh (2007) aon dhe na leabhraichean a dh'fhoillsich CLÀR; leabhar le fiosrachadh mun dòigh-beatha 's mu na cleachdaidhean a bh' aig daoine am Miughalaigh. Anns an leabhar, bha pàirt dhen bheairteas de dh'òrain, sgeulachdan agus beul-aithris a bh' aig muinntir Mhiughalaigh, 's seo air innse le Lisy stèidhichte air clàraidhean bho Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha gu leòr dhe na clàraidhean rim faighinn air Tobar an Dualchais.

Ann an 2025, rinn i ath-fhoillseachadh (le litreachadh ùr) air Bha Siud Ann Reimhid tron chompanaidh-foillseachaidh ùr aice, Clò Phabaigh. Dà bhliadhna roimhe sin, dh'fhoillsich Clò Phabaigh Bhatarsaigh agus na Raiders, eachdraidh an eilein sgrìobhte le Lisy agus fear le ceangail ri Barraigh, Aonghas MacLeòid, 's pàirt dhen leabhar stèidhichte, a-rithist, air clàraidhean bho Sgoil Eòlais na h-Alba.

Bha Lisy na tidsear Gàidhlig ann an Sgoil a' Mheadhain an Inbhir Nis, às dèidh dhi fhèin, Iain MacIlleChiar agus pàrantan eile strì airson foghlam Gàidhlig sa bhaile. Nuair a dh'fhosgail an aonad Gàidhlig an sin ann an 1985, bha ochdnar cloinne innte. Nuair a dh'fhàg Lisy às dèidh deich bliadhna, bha Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis air àite agus cliù a chosnadh dhi fhèin.