Ciad ainm Calum
Cinneadh MacNeacail
Far-ainm Calum Ruadh
Sloinneadh Calum Ruadh Iain Uilleim
Bliadhna breith 1902
Bliadhna bàis 1978

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Port Rìgh

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Gead an t-Sailleir

Àireamh an neach 1868

Eachdraidh-beatha

Rugadh e ann an Gead an t-Sailleir agus bha e a' fuireach air a' Bhràighe anns an Eilean Sgitheanach, far an robh e na chroitear, na chomhairliche coimhearsnachd, agus na bhàrd.

Thòisich Calum a' dèanamh òrain nuair a bha e ceithir bliadhn' deug a dh'aois agus bha na h-oidhirpean a rinn e an toiseach anns a' Bheurla. Cha robh e toilichte leotha, ge-tà, agus chaidh e mar sin chun a' chànain mhàthaireil aige agus chrìochnaich e a' chiad òran Gàidhlig aige nuair a bha e mu naoi bliadhn' deug. Tha farsaingeachd mhòr de chuspairean anns na h-òrain aige, bho òran èibhinn mu choileach a chaidh air chall, gu cumha dha bhràthair Eairdsidh a chailleadh anns a' Chiad Chogadh.

Cha do rinn Calum na fuinn dha na h-òrain aige, ach bhiodh e a' leasachadh fuinn bho na seann òrain a thug e leis bho bheul-aithris.

Clàr sgrìobhaidhean

Òran don Chuilthionn