Eachdraidh-beatha
Rugadh agus thogadh e ann am Fionnphort, Muile. B' e maraiche a bh' ann agus bha e na chaiptean san arm ann an Astràilia. Chaidh e a dh'fhuireach a dh'Astràilia far an robh e ag obair le caoraich. Sgrìobh e bàrdachd ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Sgrìobh e cuideachd puirt airson na pìoba.