Ciad ainm Aonghas
Cinneadh MacIllFhialain
Far-ainm Aonghas Beag
Sloinneadh mac Aonghais 'ic Eachainn 'ic Dhòmhnaill 'ic Chaluim 'ic Dhòmhnaill
Bliadhna breith 1869
Bliadhna bàis 1966
Sgìre
Siorrachd : Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste : Uibhist a Deas
Eilean : Uibhist a Deas
Baile/Àite : Fròbost
Àireamh an neach 3264

Eachdraidh-beatha

Anns na bliadhnachan an dèidh don Dàrna Cogadh tighinn gu crìoch, bha e a' sìor thighinn am follais gun robh cànan agus cultar na Gàidhlig ann am fìor chunnart. Mar thoradh air dlùth-chruinneas a' dol am meud agus an saoghal a' tighinn fo bhuaidh na Beurla, agus duilgheadasan eaconamach aig an aon àm ann an coimhearsnachdan Gàidhealach, bha na dòighean traidiseanta anns an robh beul-aithris a' dol bho linn gu linn a' lagachadh, agus bha clàradh nan sgeulachdan agus nan òran na bu riatanaiche na bha e riamh.

Bha a' mhòr-chuid dhe na h-oidhirpean a rinn luchd-clàraidh an toiseach stèidhichte ann an Uibhist agus Barraigh, agus tha mòran dhe na clàraidhean cudromach bhon àm seo rin cluinntinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Tha an seanchaidh Aonghas MacIllFhialain (Aonghas Beag mac Aonghais 'ic Eachainn 'ic Dhòmhnaill) air fear dhe na daoine as cliùitiche a tha a' nochdadh air an làraich-lìn, agus chaidh a chlàradh anns na 1940an agus anns na 1950an le Iain Latharna Caimbeul agus cuideachd le Calum Iain MacIllEathain, às leth Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha a sheanchas ainmeil anns a' choimhearsnachd, agus tha e aithnichte mar fhear dhe na Gàidheil Albannach mu dheireadh aig an robh na sgeulachdan mòra mu na Fianntan agus bhon Rúraíocht – sgeulachdan a tha rin lorg ann an làmh-sgrìobhainnean Èireannach nam Meadhan-aoisean, bho cha mhòr mìle bliadhna air ais.

Rugadh Aonghas Beag ann am meadhan na 19mh linn ann an coimhearsnachd a bh' air a sgrios le geur-leanmhainn, gort agus fuadaichean, ach aig an robh beairteas de bheul-oideas. Rugadh e air a' 4mh latha dhen Iuchar 1869 ann am Poll Torrain, Loch Aoineart. Bha athair, Aonghas MacIllFhialain, na choitear gun fearann à Loch Aoineart, agus bha a mhàthair, Catrìona Wilson, à Beinn na Fadhla. Dh'fhàgadh mòran dhaoine gun fearann nuair a chaidh rian às ùr a chur air an oighreachd fichead bliadhna roimhe leis a' Chòirneal Iain Gòrdan à Cluainidh agus na bàillidhean aige, agus b' fheudar do dh'athair Aonghais beòshlaint a dhèanamh air èiginn le bhith a' pàigheadh ach am faigheadh e cothrom obair air talamh dhaoine eile. 'S e bun a bha seo gun do thogadh Aonghas ann am fìor bhochdainn, air bheagan tèarainteachd no chothroman. Fhuair e dà bhliadhna de sgoil, tro mheadhan na Beurla, ach sguir e a dhol innte aig aois seachd bliadhna nuair a bhris a shlàinte.

An dèidh dha làithean òige a chur seachad an Uibhist, dh'fhàg e an t-eilean ann an 1889 agus ghabh e dhan Dàrna Batailian de Chamshronaich na Banrigh, 's e an sàs ann an campa trèanaidh an samhradh sin. Cha robh e fada anns a' Bhatailian, ge-tà, agus nuair a sgaoil an campa chaidh e a dh'obair na shaothraiche agus na threabhaiche air tuathanasan air tìr-mòr, aig Tuathanas Tirnie an Siorrachd Pheairt an toiseach, mus deach e gu Both Reithnich taobh Loch Teimhil, gu Rubha Àird Eònain aig Loch Laomainn, agus mu dheireadh gu Dul Mhàilidh ann an Gleann Urchaidh.

Thill Aonghas Beag a dh'Uibhist ann an 1900, far an robh piseach air tighinn air an t-suidheachadh ri linn Achd nan Croitearan 1886. Bha athair air croit fhaighinn bho Bhòrd nan Sgìrean Dòmhail agus bhiodh Aonghas ga chuideachadh air a' chroit. Bhiodh e cuideachd ag obair còmhla ri dithis fhireannach eile gus beòshlaint a dhèanamh, agus ann an 1907 fhuair e fhèin 's a theaghlach croit air fearann seann Tuathanas Ormacleit còmhla ri ochd teaghlaichean eile à Loch Aoineart a bha gun fearann. Dh'fhuirich e an seo beagan bhliadhnachan an dèidh bàs a phàrantan agus chaidh e an uair sin a dh'fhuireach a Fhròbost, far an do chuir e seachad an còrr dhe bheatha.

Bha Aonghas Beag ainmeil an Uibhist a Deas airson trì rudan gu sònraichte: sàr sgilean le caoraich, sàr sgilean le eich, agus a sheanchas. Bha a chomas airson innse sgeulachdan – an dearbh chomas a bha cuideachd aig a phiuthar Mòr Chaimbeul (Bean Nìll) – air a mholadh le gach sgoilear a chaidh a chèilidh air. Chumadh e cuimhne air sgeulachdan beaga an dèidh an cluinntinn aon turas a-mhàin, agus chan fheumadh e sgeulachdan fada, toinnte a chluinntinn ach trì tursan mum biodh iad aige air a theangaidh. Bha liut shònraichte aige cuideachd airson na caractaran aige a sgeadachadh. Sgrìobh Iain Latharna Caimbeul anns an leabhar aige, 'Stories from South Uist':

"Aonghus Beag possesses to an uncommon degree the power of reproducing the conversation of his characters, and of carrying his voice to imitate their tone, whether it be of an angry general, a disagreeable crone, a self-pitying drunkard, or the despairing mother on whom the fairies have inflicted a changeling for her own infant. He is also an expert in the art of giving a spoken story form and climax."

'S iomadh turas a chaidh Aonghas a chlàradh bho na 1940an suas, le Iain Latharna Caimbeul, Calum Iain MacIllEathain, agus Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach, agus tha e na urram do Thobar an Dualchais gu bheil còrr 's 400 clàradh dheth ri chluinntinn air-loidhne. Tha farsaingeachd mhòr de chuspairean anns na clàraidhean seo, a tha a' gabhail a-steach sgeulachdan pearsanta bho làithean òige agus bhon ùine a chuir e seachad air tìr-mòr, agus sgeulachdan mu Chù Chulainn, na Fianntan, agus an saoghal os-nàdarra. Tha e a' fàgail dìleab phrìseil de chlàraidhean a tha a' cur nar cuimhne chan e a-mhàin fìor bhochdainn agus brùidealachd na 19mh linn an Uibhist, ach cuideachd spiorad agus mairsinneachd cultar beairteach de bheul-oideas a sheas ri gach oidhirp a rinneadh fad ceudan a bhliadhnachan gus cur às dha.



Tùsan agus Barrachd Leughaidh

MacLellan, Angus (1960), Stories from South Uist, trans. by John Lorne Campbell (Edinburgh: Birlinn, 1997)

MacLellan, Angus (1962), The Furrow Behind Me: The Autobiography of a Hebridean Crofter, trans. by John Lorne Campbell (London: The Country Book Club, 1963)

'Angus MacLellan' [online article], The Calum Maclean Project (University of Edinburgh) https://www.calum-maclean-project.celtscot.ed.ac.uk/resources/biographies/angus-maclellan/ [air fhaotainn 9 An Dùbhlachd 2020]