Ciad ainm Iain
Cinneadh MacIlleBhràth
Sloinneadh Iain mac Nèill 'ic Alasdair 'ic Nèill 'ic Alasdair 'ic Nèill 'ic Ghilleasbaig
Bliadhna breith 1883
Bliadhna bàis 1972

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Slèite

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Camas Cros

Àireamh an neach 3568

Eachdraidh-beatha

Rugadh Iain MacIlleBhràth ann an Camas Cros air croit an teaghlaich. Chaidh e dhan sgoil ann an Dùisdeil agus anns an Àth Leathann mus deach e gu Àrd-sgoil an Òbain, 's e a' seòladh an sin à Eilean Iarmain.

Chaidh Iain an uair sin a dh'Oilthigh Ghlaschu. Bha e mu dheireadh na mhaighstir-sgoile agus chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha-obrach ann an Geàrrloch. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1949 agus chaidh e a dh'fhuireach a Bhaile Màiri, far an do chuir e seachd grunn bhliadhnachan ag obair ann an Acadamaidh Inbhir Ghòrdain, Acadamaidh na Cananaich agus Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

An àm a' Chiad Chogaidh bha Iain na Phrìobhaid anns an RASC agus Feachd Rìoghail nan Each. Bha e cuideachd ri bàrdachd agus rinn pìos air an robh Slèite, a chaidh a chlàradh le Calum Iain MacIllEathain ann an 1953 ann am Mansa Chonainn far an robh an t-Urr. Calum MacIllEathain às an Sgarp na mhinistear.

Dh'eug Iain ann an Camas Cros, beagan shlatan bhon dearbh bhad an do rugadh e. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic 'The Great Book of Skye 2' (Tormod Dòmhnallach agus Cailean MacIllEathain, 2014).