Ciad ainm Leacsaidh
Cinneadh Chaimbeul
Bliadhna breith 1894
Bliadhna bàis 1986

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Cill Mhàilidh

Baile/Àite - Gleann Peathain

Àireamh an neach 4058

Eachdraidh-beatha

Rugadh agus thogadh Alexina no Leagsaidh Chaimbeul ann an Gleann Peathain aig ceann an iar Loch Airceig far an robh a h-athair na chìobair aig Loch Iall.

Air prògram Gàidhlig a' BhBC mhìnich i far an robh dachaigh a h-òige, àite a bha air leth iomallach aig toiseach na ficheadamh linn, 's gun ach corra theaghlach is cìobairean a' fuireach anns na glinn mun cuairt:

"Àite ris an canadh iad an Srathan, shuas aig ceann shuas Loch Airceig. Thèid thu air adhart gu Aonachan, 's thèid thu a-bhàn gu Geàrr Lòchaidh 's thèid thu suas tro Achadh na Cairidh, suas can mu sheachd mìle deug, gu Gleann Peathain."

Bha an taigh aca mu cheithir mìle bhon choimhearsnachd a b' fhaisge dhaibh, an Srathan, aig ceann an iar Loch Airceig agus Òban Cheann Loch Mhòrair mu chòig mìle bhuapa. Cha robh iad a' faicinn mòran dhaoine fad a' gheamhraidh ach nuair a thigeadh an t-earrach bhiodh cèilidhean a' dol eadar na teaghlaichean, gu h-àraidh air Didòmhnaich.

Bha seachdnar a theaghlach ann agus a bharrachd air sin bhiodh cìobair eile tric a' fuireach aca. Bha obair am pailteas ri dhèanamh. Bhiodh ceithir mairt aca agus trì no ceithir a laoigh gam beathachadh. Bha mòine ri buain agus ri faighinn tioram, agus bha de bhuntàta na bhiathadh deichnear ri chur 's ri fhàs. Bha feur ri dhèanamh agus bha cuimhne mhath aig Leagsaidh air an oidhche dannsa a bhiodh aca nuair a bhiodh na cruachan deiseil. Bha cuimhne aice cho math agus a bha Donnchadh MacRath, athair an fhìdhleir ainmeil Fearchar MacRath [1501], air dreasadh cruach.

Bha dachaigh Leagsaidh ann an Gleann Peathain gus an robh i naoi bliadhna deug, ged bha i an ceann a cosnaidh anns a' Ghearasdan ron a sin. Bheireadh i greis ag obair air falbh agus an uair sin rachadh i dhachaigh a Ghleann Peathain airson a piuthar a leigeil air falbh greiseag.

Thug Leagsaidh cuideachd greis air mhuinntireas ann am Pàislig. Thug i an uair sin còrr air 30 bliadhna a' cumail taighe do theaghlach nan Caimbeulach ann an Inbhir Làir. Ghluais i còmhla riutha dhan Cheapaich agus thug i grunn bhliadhnaichean an sin cuideachd.

Bha Leagsaidh còrr air ceithir fichead bliadhna nuair a chaidh a clàradh leis a' BhBC. Bha i ann an Taigh Inbhir Nibheis sa Ghearasdan an uair sin ach bha i cho dèidheil air òrain agus air ceòl 's a bha i nuair a bha i òg, gu h-àraidh ma bha beagan spòrs na lùib.

Chaochail Leagsaidh anns a' Ghearasdan air an latha a bha i 92, air 30 Dùbhlachd 1986.