Eachdraidh-beatha
B' ann à Taobh a Deas Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas a bha Seonaidh Caimbeul (Seonaidh mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin). Rugadh e ann an 1859, agus 's e bàrd cliùiteach a bh' ann am measg muinntir Uibhist. Chaidh na dàin aige a thar-sgrìobhadh le Iain MacAonghais (Iain Pheadair 'ic Sheumais) agus fhoillseachadh le Iain Latharna Caimbeul ann 1936 anns an leabhar 'Òrain Ghàidhlig le Seonaidh Caimbeul, The Gaelic Songs of Shony Campbell, the South Lochboisdale bard'.
Chaidh Seonaidh a chlàradh ann an 1935 ann an Glaschu le Iain Latharna Caimbeul airson a' BhBC a bha a' cruinneachadh eisimpleirean de chànanan agus dualchainntean bho air feadh Bhreatainn aig an àm. Tha an clàradh aig Seonaidh am measg an fheadhainn as sine a tha rin cluinntinn air làrach-lìn Thobar an Dualchais.
Clàr sgrìobhaidhean
A h-Uile h-Aon dhem Stocainnean/Na Trì Truinnsearan
Breith Chrìosda
Òran Àm An Iasgaich
Òran na Doile