Ciad ainm Aonghas
Cinneadh MacIllFhaolain
Far-ainm Aonghas Lachlainn
Sloinneadh Aonghas Lachlainn Bhig
Bliadhna breith 1912
Bliadhna bàis 1995

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Taigh a' Gheàrraidh

Àireamh an neach 5934

Eachdraidh-beatha

Rugadh Aonghas MacIllFhaolain (Aonghas Lachlainn) san Dùbhlachd 1912. B' e bu shine den teaghlach a bha aig Lachlann Beag (mac Aonghais 'ic Alasdair) agus aig Seonag (nighean Ruaraidh 'ic Aonghais 'ic Ailein) à Beinn a' Bhadhla. Bha a dhachaigh ann an Taigh a' Gheàrraidh agus chaidh e don sgoil sa bhaile, far an do dh'fhàg aon tidsear làrach mhaireannach air, mar a dh'innis e fhèin air BBC Radio nan Gàidheal ann an 1989:

"Tha cuimhn' agam nuair a bha mi a' dol dhan sgoil an Taigh a' Gheàrraidh, bha sinn anns an rùm ris an canadh iad an classroom an uair sin. Bha mi air a' chlas a b' àirde. Co-dhiù, bha sinn a' losgadh air seinn Ho Rò Mo Nighean Donn Bhòidheach, 's bha an tidsear, cha robh an gnothach a' còrdadh rithe idir. 'S chaidh i a-null timcheall ceann sreath nan gillean, 's ghabh i suas fad an t-siubhail gus an do ràinig i mo chùl. 'S chuir i làmh air mo ghualainn agus "Sssssssssssssshhhhhhhhh!" Sguir mise an uair sin, 's cha do rinn mi bìog tuilleadh."

Chaidh Aonghas do Sgoil Cheann a' Bhàigh airson trì bliadhna. Sin nuair a bhuail an cianalas e, an aon uair na bheatha:

"Fhuair mi bursaraidh, 's thug iad orm fuireach shìos an Ceann a' Bhàigh 's bhuail an cianalas orm an uair sin. Feadhainn eile a' dol dhachaigh air baidhsagalan a Thaigh a' Gheàrraidh 's chan fhaighinn-sa às a siud. Dh'fhalbh e dhìom an uair sin, 's cha robh cianalas a-riamh tuilleadh orm."

Nuair a dh'fhàg e an sgoil, 's dòcha nach ann dha dheòin a chaidh e a chuideachadh athair le obair fearainn agus sprèidh. Mar a sgrìobh e fhèin:

"Thòisich mi glè òg a' coiseachd an dèidh seisreach agus grèim air fuaintean a' chruinn an àm an earraich, air neo tarraing speal tro arbhar an àm an fhoghair."

Nuair a bha e mu aois 24, fhuair e air falbh à Uibhist a Tuath. Ràinig e Glaschu far an d' fhuair e a-mach nach robh obair cho pailt. Ghabh e cosnadh air bàta a bha a' dol a dh'Ameireaga:

Ris a' mheit gun d' rinn mi bargan
Gum falbhainn leis a sheòladh,
Air cuilean nan tonn garbha
Dam b' ainm an California.


Rinn e trì no ceithir a thursan oirre mus deach e gu ruige Lunnainn agus, an ceann ùine, a dh'obair do Sheirbheis nan Taighean-solais mun cuairt cladaichean Shasainn. Ged a chòrd an obair sin gu math ris, an ceann còig bliadhna no mar sin, bha e a' sireadh obair eile:

"Smaoinich mi gum feuchainn obair eile fhaighinn, gun an còrr dhem bheatha a chur seachad air sgeirean agus eileanan beaga, agus ghabh mi obair nam chlèireach aig na cidheachan an Lunnainn."

Thug dìth slàinte air tilleadh a dh'Uibhist, far an robh e a' croitearachd còmhla ri a bhràthair Ruairidh agus a phiuthar Raonaid.

A' bruidhinn mu bhàrdachd air BBC Radio nan Gàidheal ann an 1989, thuirt Aonghas:

"Uaireannan tha e mar gum biodh sibh a' toirt às a chèile ceirle de shnàth air a suaineadh. Tha e an taobh a-staigh dhibh, 's feumaidh sibh fhaighinn a-mach air dòigh air choreigin. Uaireannan a thig e glè mhath, uaireannan eile nach tig. Corra uair a dh'fheumas mi tilleadh air ais thuige."

Tha grunn de dh'òrain Aonghais air an seinn an-diugh, mar eisimpleir: Eilean Uibhist Mo Rùin, a rinn e, bha e a' smaoineachadh, agus e anns na h-Eileanan Scilly; Deàrrsadh Gealaich air Loch Hòmhsta, a rinn e thairis air dà oidhche 's e anns an leabaidh aig an taigh an Taigh a' Gheàrraidh, "sia ceathramhan a-raoir agus sia eile a-nochd" mar a thuirt e fhèin; rinn e Bu Chaomh Leam Bhith Fuireach an Uibhist Bheag Lurach mu 1937/38 ann an Glaschu. Chaidh a' bhàrdachd aig Aonghas Lachlainn a chruinneachadh san leabhar Beagan Bàrdachd à Uibhist a Tuath a dheasaich agus a chlò-bhuail Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath.

Chaochail Aonghas ann an 1995.

Clàr sgrìobhaidhean

Chì mi Cleatrabhal Bhuam