Eachdraidh-beatha
Rugadh Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein, Aonghas Iain a' Mhuilleir, air 7 Samhain 1918, ann an Lìonacleit ann am Beinn a' Bhadhla, an dara duine a b' òige de theaghlach anns an robh triùir ghillean agus triùir nigheanan. B' i Màiri Anna 'Illeasbaig Dhòmhnaill Ruaidh à Beinn a' Bhadhla a mhàthair agus Seonaidh Mac a' Mhaoilein, Am Muillear Ruadh, athair. Bha muileann aig athair ann an Lìonacleit gus an do ghluais e fhèin agus an teaghlach dhan Chàrnan ann an Uibhist a Deas.
Cha robh Aonghas Iain ach fichead bliadhna a dh'aois nuair a thòisich an cogadh agus chaidh e le na Camshronaich a shabaid dhan Fhraing. Fhuair a mhàthair brath gun robh e air chall anns a' chogadh ach an ceann ùine thàinig fios bhon Urramach Dòmhnall Caskie gun robh e beò agus air teiche bho na Gearmailtich. Thug an Urramach Caskie, a bhuineadh do dh'Ìle, cuideachadh mòr do dh'àireamh lìonmhor de Bhreatannaich agus saighdearan à Feachdan na Co-Bhanntachd nan oidhirpean teiche bho na Gearmailtich. Aig a' cheann thall fhuair Aonghas Iain dhachaigh air bàta bho Phort Gibraltar. An dèidh tilleadh air ais a Bhreatainn bha e greis ann an ospadal ann an Surrey.
An dèidh a' chogaidh chaidh Aonghas Iain gu muir agus lean e ris a' chosnadh sin gus an do phòs e Màiri Magee, à Glaschu, anns an Iuchar 1963. Bhuineadh cuideachd Mhàiri do dh'Èirinn bho thùs, agus bha i air làithean-saora a chur seachad ann an Uibhist a Deas anns na leth-cheudan agus air eòlas a chuir air càirdean Aonghais Iain mus do choinnich an dithis aca. Bha triùir cloinne aca a tha fhathast a' fuireach ann an Glaschu. An dèidh pòsadh bha Aonghas Iain na chlèireach ann an Roinn Zoology Oilthigh Ghlaschu agus bha e fhèin agus an teaghlach a' fuireach faisg air làimh air Sràid a' Bhanca, air taobh an iar a' bhaile.
Fhad 's a bha e aig muir rinn e clàr ann an Sealan Nuadh ach gu mì-fhortanach chan eil lorg aig duine de chàirdean air a' chlàr sin an-diugh. Tha seinn air a bhith anns an teaghlach. 'S e an seinneadair Seonaidh Mac a' Phì, an Glaschu, mac Ceit a' Mhuilleir, piuthar Aonghais Iain, agus 's i Màiri NicAonghais nighean Catrìona Dhòmhnaill a' Mhuilleir. B' e Dòmhnall sin bràthair Aonghais Iain.
Chaochail Aonghas Iain ann an Glaschu air 28 Cèitean 1987, aig aois 68.
Tha sinn an comain Iain Mac a' Mhaoilein à Glaschu, mac Aonghais Iain, Catrìona NicAonghais à Uibhist a Deas, nighean Dhòmhnaill a' Mhuilleir, bràthair Aonghais Iain, agus Seonaidh Mac a' Phì à Glaschu, mac Ceit a' Mhuilleir, a phiuthar, airson an fhiosrachaidh seo.