Eachdraidh-beatha
Rugadh Coinneach MacÌomhair, Kenny Murdo Ruairidh Mhurchaidh Iain Bhàin, ann an Lacasaigh, Leòdhas. An dèidh Bun-sgoil Chnoc Iain Duibh chaidh e do Sgoil MhicNeacail.
Bha e anns an Nèibhidh aig àm a' chogaidh anns na bàtaichean a bha a' dèiligeadh ri mèinneachan agus nuair a chrìochnaich an cogadh bha e greis aig an taigh ann an Lacasaigh a' breabadaireachd. An an 1953 fhuair e cosnadh anns an t-Seirbheis Chatharra agus bha e ag obair ann an Glaschu an toiseach, mus do ghluais e a Lunnainn.
Ann an 1961 phòs e Mairead NicDhòmhnaill, à Healadal ann an Cataibh, agus bha triùir cloinne aca. Bha fear dhiubh sin, Ruairidh, na bhall de Chòisir Ghàidhlig nan Loch.
Bha Coinneach mu dheich bliadhna ann an Lunnainn agus bha e gu mòr an lùib coimhearsnachd Ghàidhealach Lunnainn; bha e na bhall de chlub nan Leòdhasach a bhiodh a' coinneachadh a h-uile h-oidhche Haoine ann am Fetter Lane. Bha e fhèin agus Mairead nam buill de Chòisir Ghàidhlig Lunnainn agus bha e a' teagasg clasaichean Gàidhlig ann an Aitreabh Litreachais a' Bhaile. Sheinn e anns an dealbh Rockets Galore agus sheinn e cuideachd anns an Albert Hall.
Ghluais an teaghlach gu Durham ann an 1965, far an d’ fhàs Coinneach ainmeil mar sheinneadair agus mar fhear-cèilidh a bhiodh a’ tàladh a luchd-èisteachd leis an innleachdas agus an tàlant sgeulachdan aige. Bha e glè shòisealta agus bu toigh leis a bhith timcheall air daoine. Bha e a' seinn ann an Còisir na Seirbheis Chatharra ann an Durham agus bha e na bhall de Chomann Gàidhlig a' Chaisteil Nuaidh.
Ged a sheinneadh e a h-uile seòrsa òran, ann am Beurla agus ann an Gàidhlig, b' e an dòigh a ghabhadh e na puirt a bha a' còrdadh gu mòr ri luchd-èisteachd.