Eachdraidh-beatha
Rugadh Aonghas C. MacLeòid (Aonghas Choinnich Iain) ann an Sgalpaigh anns an Dùbhlachd 1927. B' e an siathamh duine-cloinne aig Coinneach Iain 'ic Dhòmhnaill 'ic Chaluim à Sgalpaigh, agus Maighread Flòraidh Chaimbeul, a rugadh ann an Plocrapol anns na Bàigh. Bha i air a h-ainmeachadh air a màthair, Flòraidh Mhurchaidh, a chionn 's gun do chaochail a h-athair, Murchadh Aonghais an t-Siorraim, nuair a bha i fhèin 's a dithis bhràithrean nam pàistean. B' ann à Sgalpaigh a bha Flòraidh o thùs, agus thill i a dh'fhuireach a Sgalpaigh nuair a chaill i an duine aice. 'S e Aonghas fhèin a chuir Caimbeul na ainm treis às dèidh dha am Bonn Òr fhaighinn. 'S e ainm bràthair a mhàthar a th' air, 's bha e airson sin a chomharrachadh, tha fhios. Chaidh Aonghas do Sgoil Sgalpaigh gus an robh e còig bliadhn' deug. Dh'fhalbh e an uair sin a dh'Inbhir Nis, far an do chuir e a-steach a thìde na shaor.
Thug e a ghuth làidir seinn o chuideachd athar. Bha guth sònraichte, tha e coltach, aig a sheanmhair o thaobh a mhàthar, agus bha guth brèagha aig a mhàthair cuideachd. Bha ùidh mhòr aig a' mhaighstir-sgoile, Seumas Mac an Tòisich, a thàinig a Sgalpaigh gun fhacal Gàidhlig aige, ann an ceòl, 's bhiodh e a' cluich na fìdhle. Nuair a chaidh e a dh'Inbhir Nis bhiodh Aonghas a' seinn aig cèilidhean, agus chaidh e a-steach airson a' Mhòid ann an Inbhir Nis ann an 1949. B' e Iain MacSuain à Sgalpaigh a rinn a' chùis an turas sin, ach fhuair Aonghas am Bonn Òr ann an Dùn Omhain ann an 1950. Bha fèill mhòr air aig cuirmean 's aig cèilidhean air feadh na dùthcha an uair sin. 'S ann mun àm sin, toiseach nan leth-cheudan, a chaidh e treiseag a dh'Obar Dheathain, agus dh'obraich e airson faighinn a-steach do cholaiste gus teisteanas fhaighinn ann an einnseanaireachd. Fhuair e sin, agus chaidh e gu Oilthigh Herriot Watt, far an do cheumnaich e ann an 1955. Fhad 's a bha e ann an Obar Dheathain, chaidh e còmhla ri luchd-ciùil 's ri dannsairean do Quimper anns a' Bhreatainn Bhig, agus bhiodh e a' seinn phort dha na dannsairean.
Choinnich e ri Maighread Fhriseal à Bearsden aig cuirmean aig am biodh ise i fhèin a' seinn. Aig na cuirmean mòra bliadhnail a bhiodh aig leithid Comann Leòdhais is na Hearadh agus Comann Uibhist is Bharraigh ann an Glaschu, bhiodh an-còmhnaidh aon seinneadair Albais aca, agus bha Maighread aca glè thric. Bha i cuideachd ann am buidheann air an robh na Saltire Singers, 's bhiodh i fhèin agus Aonghas glè thric air an aon àrd-ùrlar an lùib sin. Ach 's ann ann an Lunnainn, aig dà chuirm, tè anns an t-Samhain 's tè eile airson Oidhche Burns eadar 1957 agus 1958 a chuir iad eòlas ceart air a chèile. Phòs iad anns an Lùnastal 1958.
Bha Aonghas an uair sin a' fuireach ann an Eilginn, ag obair aig Crowley-Russell. Dhealbh e agus stiùir e an luchd-obrach a thog drochaid tarsainn Abhainn Lòsaidh. 'S e drochaid cloiche a th' innte, agus bha e a' còrdadh ris gu mòr a bhith a' gabhail ealla ri sgilean nan clachairean. Chaidh an teaghlach an uair sin a dh'fhuireach an Inbhir Nis mu mheadhan nan trì ficheadan, agus bha trì cùmhnantan-obrach aig Aonghas o Chrowley-Russell: an rathad à Sgonnsar a Shligeachan, cidhe ann an Caol Loch Aillse, agus rathad ùr a dh'Ulapul. Gu mì-fhortanach, bhrist air a' chompanaidh, agus gun rabhadh sam bith bha Aonghas gun obair. Ghluais iad a Bhishopbriggs, agus bha caochladh obraichean aige do Shiorrachd Lannraig. 'S e sin a bha e ris nuair a chaochail e ann an tubaist rathaid anns an t-Sultain 1973.
Bha triùir cloinne aig Aonghas agus Maighread: Christine, Coinneach agus Billy.
Rinn Aonghas dà chlàr ghoirid (EP) agus LP, A Night with Angus, do Mhurchadh Fearghasdan aig Gaelfonn. Aon uair agus e a' coimhead air ais air na h-oidhcheannan mòra ann an Talla Naomh Anndrais ann an Glaschu, thuirt am bàrd Hearach Murchadh Moireasdan, nach maireann, a sgrìobh, am measg òrain eile, A Nighneag a Ghràidh, gur e oidhche le Aonghas air an àrd-ùrlar san talla ainmeil seo a b' fheàrr a chòrd ris riamh:
"Cha leigeadh iad e far an àrd-ùrlair. Sheinn e ochd òrain, fear às dèidh fear. Bha a chridhe, 's a chànan, 's a chuimhne cho aontaichte anns a h-uile òran a sheinneadh e. Shaoileadh tu gun robh thu dìreach ann am brògan a' bhàird a rinn an t-òran."
Bha guth làidir, cumhachdach, sgairteil aig Aonghas agus cha robh mòran feum aige air microphone, agus glè thric 's ann a chitheadh tu e a' seinn air an àrd-ùrlar thall ri taobh an neach-taice air a' phiàna. Bha na sgamhanan aige cho làidir agus bha e cho tapaidh 's gun robh an t-Ollamh Iain MacAonghais ag ràdh, "Dh'fhaodadh tu Schottische a dhèanamh air an stamaig aige."
Tha sinn gu mòr an comain piuthar Aonghais, Mòrag NicLeòid, airson an fhiosrachaidh seo.