Eachdraidh-beatha
Rugadh Cathy Ann Nic a' Phì ann am Barraigh ann an 1959. Bha i a' fuireach dlùth do sheinneadairean mar Nan NicFhionghain [1864], Màiri Denny [1447] agus Criosaidh Denny [6930], agus Mairead Fhoirbeis [6958]. Bha a seanmhair, Bean a' Ghobha, cuideachd làn òrain agus sgeulachdan agus tha Cathy Ann dhen bheachd gun robh e dìreach an dàn dhi a bhith na seinneadair coltach ri a seanmhair.
Nuair a ghluais an teaghlach gu tìr-mòr dh'fhuirich i bliadhna am Barraigh còmhla ri a seanmhair agus 's iomadh feasgar a chuir i seachad ag èisteachd rithe a' seinn. Aon turas aig an àm seo, thàinig air a seanmhair a dhol dhan ospadal agus thàinig bana-charaid dhi, Mesh mar a bha aca air a' bhean-phòsta NicCormaig, a-steach a ghabhail cùram na nighinn bhig. Gach oidhche bha Cathy Ann ag innse sgeulachdan dhi agus a' gabhail òrain agus tha e coltach gum feumadh Mesh bhochd flùraichean a thilgeil gu casan an diva òig, mar thaing.
Bho bha i 18 gus an robh i cha mhòr 21, bha Cathy Ann na cleasaiche còmhla ris a' chompanaidh dràma Gàidhlig Fir Chlis, a bha stèidhichte air an Tairbeart, anns na Hearadh. An dèidh sin thug i grunn bhliadhnaichean còmhla ris a' chompanaidh ainmeil 7.84. Bha àite cudromach aig òrain agus ceòl anns na dealbhan-cluich aig 7.84 agus b' ann còmhla riutha a chaidh i a Chanada agus a dh'Ameireagaidh an toiseach. Chaidh i cuideachd dhan Ghearmailt agus dhan Ruis barrachd air aon uair còmhla riutha.
Canaidh Cathy Ann gur e Cànan nan Gàidheal, a' chiad chlàr a rinn i, an tiodhlac a b' fheàrr 's a bu phrìseil a thug i do a màthair, tè nach do ghabh ris a-riamh gur h-i fhèin a thug an tiodhlac do a nighean. Tha i air deagh àireamh de chlàran a thoirt a-mach bhon uair sin.
Thairis air 40 bliadhna is còrr, tha Cathy Ann air luchd-èisteachd a dhèanamh lag a' gàireachdainn ann an iomadh àite oir tha i èibhinn, eirmseach agus deas-bhriathrach. A cheart cho luath 's a bheir i gàire air daoine cuiridh i iad nan tost le bòidhchead a guth agus an doimhneachd faireachdainn a chuireas i ann an òran. Tha i a' seinn agus a' teagasg aig fèisean air feadh Bhreatainn agus Chanada, agus cuideachd còmhla ri còmhlan-pìoba an RCMP.
Agus dè na cuirmean aig an do sheinn i a tha gu h-àraidh na cuimhne? Nam measg tha an turas a sheinn i Nam Aonar le Mo Smuaintean air bòrd HMS Intrepid do dh'oifigearan a bh' air a bhith an teis-meadhan Cogadh na Falklands. Turas eile, an dèidh dhi seinn aig cuirm phrìobhaideach anns an Eilean Sgitheanach, fhuair i còmhdhail air ais a Ghlaschu còmhla ris a' Phrionnsa Henrik, cèile Banrigh na Danmhairg. Ach cha b' e a bhith an cuideachd cho rìoghail a dh'fhàg a leithid a làrach air a cuimhne ach, mar a thuirt i fhèin: "M' eudail, cha robh am plèan na bu mhotha na faoileag."
Tha Cathy Ann pòsta aig Uibhisteach agus a' fuireach ann an Halifax, Canada, agus tha dithis chloinne aca, Mairead agus Alexander.