Eachdraidh-beatha
Thàinig Peigi Oighrig NicÌomhair, Peigi Oighrig Aonghais an t-Saighdeir, agus an duine aice, Dòmhnall Mac a' Ghobhainn nach maireann à Bhaltos, air ais a dh'fhuireach air a' Chnìp, baile a breith 's a h-àraich, an dèidh dhaibh bliadhnaichean mòra a thoirt ann an Lunnainn.
Chan e a-mhàin gun robh Peigi Oighrig a' seinn, bha i cuideachd a' dèanamh òrain. B' e Dòmhnall MacÌomhair, Dòmhnall Donn, Bàrd a' Chnìp, bràthair a seanar agus dh'innis i fhèin air BBC Radio nan Gàidheal air 16/06/2001 mar a thuirt e rithe, is e air leabaidh a bhàis, gum faigheadh i spiorad na bàrdachd:
"An latha a bhàsaich e, bha mi a' bleoghan a' chruidh anns a' bhàthaich agus thàinig m' athair a-steach. Bhiodh e a' dol a-mach a h-uile madainn a dh'fhaicinn dè mar a bha e. Cha robh e ach bochd. Agus thuirt e rium, 'Tha e gad iarraidh anns a' bhad.' 'S nuair a chaidh mi a-steach, bha an uair sin dà leabaidh air fad a chèile agus dà chraiceann laoigh air beulaibh nan leapannan. Agus thuirt e, 'Trobhad 's na biodh eagal ort. Thoir dhomh do làmh.' Agus thug m' athair orm a dhol a-null chun na leapa agus thuirt e, 'Tha mi a' fàgail an t-saoghail-sa a dh'aithghearr. Agus 's e thusa a tha a' faighinn spiorad na bàrdachd agus tha mi a' dol a thoirt comhairle ort. Na cuir i a-chaoidh gu dì-moladh, na cuir i a-chaoidh gu càineadh, ach na cùm air ais i. Chan urrainn dhut.'"
Chaochail Dòmhnall Donn mu 1945 agus goirid an dèidh a bhàis rinn Peigi Oighrig a' chiad òran aice, a' moladh an t-seallaidh a tha ri fhaicinn bho mhullach cnuic faisg air a dachaigh.
Nuair thèid mi 'n-àirde bhàrr a' chnuic
Mar 's tric air feasgar Sàbaid,
Chì mi Riof is Bhaltos Ùig
'S an Cnìp far 'n d' fhuair mi m' àrach.
Chì mi Siaram dhomh nas fhaisg'
Bhuidha Mhòr 's gach àite;
Bhàcasaigh is Gob an Stuing
Is Tràigh na Beirigh làmh rium.
Chì mi faisg dhomh Pabaigh Mhòr
A' cumail taobh ri Màs Sgeir
Sgeir Minig Bheag aig Gob an Tobh'
'S an fhairge beucadh àrd oirr'.
Tha 'n Gallan Ùigeach muigh aig tuath
Cha dèan mi an t-Seana Bheinn fhàgail
Na Beàrnaraigh is Caolas Ùig
Far an tric le lìon is bàt' iad.
Fad ceithir bliadhna fichead bha an taigh aig Peigi Oighrig agus Donaidh ann an Lunnainn na dhachaigh do mhòran Ghàidheal agus gu h-àraidh do sheòladairean a bha a' falbh agus a' tighinn eadar an dachaigh agus bailtean-puirt air feadh an t-saoghail. Cha robh aoigheachd is fearas-chuideachd, ceòl agus spòrs uair sam bith gann ann.
Bha Seumas Ros, a bha ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba, air a bhith ann an Leòdhas agus air òrain a chlàradh bho Aonghas Coinneach MacÌomhair [9651], bràthair Pheigi Oighrig. Nuair a chuala e gun robh piuthar aige a bhiodh a' seinn, ann an 1957 chaidh e air an astar a Lunnainn ga clàradh. Chaidh a clàradh ann an Lunnainn cuideachd le BBC Radio nan Gàidheal.
Ann an 2009 chlàr Peigi Oighrig cuid de na h-òrain aice fhèin agus cuid de dh'òrain Dhòmhnaill Duinn air DVD airson Comann Eachdraidh Ùig.
Dh'eug Peigi air 28 Giblean 2017.