B2 - 7b - Employment | Fastadh
Transcription Video
Transcription
Coinneach MacÌomhair (CM): 'S e àite brèagha a th' anns na Hearadh. Taobh an iar na Hearadh co-dhiù, air latha mar seo. Ach cha chùm bòidhchead gun chosnadh daoine ann an àite, agus sin droch sgeul na Hearadh mar iomadh àite iomallach eile. Tha oidhirpean ga dhèanamh - mòran oidhirpean - gus cosnaidhean a thoirt dha na Hearadh, ach an dèidh sin tha na h-àireamhan air a bhith a' dol sìos. An e dìth cosnadh a-mhàin as coireach? Dè seòrsa beachd a th' aig an fheadhainn a dh'fhalbh air an eilean a dh'fhàg iad às an dèidh? Na h-àireamhan an toiseach. Còmhla rium tha Mòrag Rothach, an comhairliche Mòrag Rothach, air an loidhne an-dràsta. A Mhòrag, uill, dè th' air a bhith a' tachairt do dh'àireamh-sluaigh na Hearadh anns na bliadhnaichean a chaidh seachad?
Mòrag Rothach (MR): Uill, mar a tha na h-àireamhan ann an àiteachan eile dhe na h-eileanan, tha na h-àireamhan air a bhith a' dol sìos, ach tha iad air a bhith a' dol sìos nas caise anns na Hearadh.
CM: Dè cho luath 's a tha iad air a bhith a' dol sìos?
MR: Uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil na h-àireamhan a tha air am breith anns na Hearadh air a dhol sìos gu mòr. Bha uair a bha tòrr a bharrachd a chlann air am breith agus na bh' ann a bhàis. Bha sin, can, nuair a thòisich iad a' gabhail records an toiseach ann an ochd ceud deug agus leth-cheud 's a còig. Bha an uair sin ann a dhà uimhir gam breith 's a bh' ann a bhàis. Ach mu nineteen... nineteen fifty, anns an linn a chaidh seachad, bha sin air atharrachadh gu mòr, agus bha na bu lugha ann a bhàis agus na bh' ann... na bu lugha ann a bhreith 's na bh' ann a bhàis, agus tha e air a bhith mar sin on uair sin.
Morag Munro is being interviewed by Kenneth MacIver for BBC Radio nan Gàidheal's 'Prògram Choinnich' in a recording made in 2000. The complete recording is available at https://www.tobarandualchais.co.uk/track/19256.
We are grateful to Urras Brosnachaidh na Gàidhlig for its funding to support this work.