Search

Duan dìonachd.

Date 10 September 1955
Track ID 1028
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1955.161.A12

Original Tape ID

SA1955.161

Summary

Protection charm.

A 'rost' [rosad] was a rhyme or charm which was said to protect a person from creatures such as the water-horse and the mermaid. The contributor believes that stories about fantastic animals came from the Vikings. He then gives some Norse place-names in the district.

Item Notes

The contributor pronounces the word 'rosad' as 'rost'.

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Murdo John MacLean (MM): Bha na rosadan aca, mar a their iad. A' cur rosad orra bho leithid siud, 's a' cur rosad orra bho leithid seo. A' cur rosad air a' chrodh bhon tarbh-eighre 's a' cur rosad air an fhear a rachadh gu muir bhon nathair-mhara 's a' cur rosad air an fheadhainn a bhiodh ag obair anns a' chladach bhon a' mhaighdinn-chuain.

Calum MacIllEathain (CM): Seadh, seadh. 'S e an droch shùil a bhios ann?

MM: Ò chan e. 'S e bh' anns an rosad... 's e bh' anns an rosad rud a bha iad a' cur orra airson dìon. Duan a bh' iad air a chantainn, fhios agad, airson gum biodh iad air an dìon bhon bheathach àraidh, bhon uilebheist àraidh a bh' ann an seo.

CM: Seadh, seadh.

MM: Sin a bh' anns an rosad. A' cur rosad orra. 'S e. Ach [?nì sibh] creidsinn ann am buisneachd.

CM: Tha an aon seòrsa rud aig na Sealtainnich cuideachd, a bheil fhios a'd, na seòrsa stòiridhean a tha sin mu dheidhinn crodh-mara 's ròin, a bheil fhios agaibh, a' dol ann an riochd dhaoine, 's a' tachairt ri boireannaich dh'fhaodte, 's sliochd a' tighinn bhuapa.

MM: Cò aige tha fios, tha fhios agaibh, nach robh na sgeulachdan sin air an làimhseachadh sìos bho na Lochlannaich, bho na linntean a bha iad ann an... bha iad air na cladaichean ann an seo. Seallaibh, tha fios cinnteach air gun robh iad anns na h-eileanan 's gun robh iad ann an seo. Chan e... chan e rud a th' ann an teagamh a tha sin idir, tha fhios agaibh. Tha an t-ainm a' ruith bhuaithe sin. 'S ann bho Lochlann a tha tòrr.

CM: Ò bho Lochlann air fad iad sìos an rathad seo uile.

MM: [?Canaraigh].

CM: Ò nach eil sin bho ainm Lochlannach.

MM: Siud bho na Lochlannaich. Rà. Thàinig sibh seachad ann an sin.

CM: Dìreach.

MM: Loch Rà. Sin loch dearg.

CM: 'S e, dìreach.

MM: Iomadh ainm eile ann an sin. 'S e, bho na Lochlannaich. Mòran de na h-eileanan a tha sin. Nise, nuair a thèid sibh dha na h-eileanan, Eilean Bharraigh, nach eil aigh anns a h-uile aon aca.

CM: Dìreach.

MM: Seadh, tha. Agus nach eil e a cheart cho buailteach gun do làimhsich iad sìos am beul-aithris na faoin-sgeulachdan aca, agus bha gun toireadh iad na h-ainmeannan aca air na h-eileanan.

Nise, chan urrainn dhuinn dearbhadh sam bith fhaighinn, mar a thuirt duine còir rium fhìn roimhe agus sinn a' bruidhinn air cho beag 's a bha fios air eachdraidheachd nan Ceilteach.

"Ò," ars esan, "'s ann a bha an Ceilteach a' dèanamh a chuid sgrìobhadh," ars esan, "leis a' chlaidheamh," ars esan. "Cha robh eòlasaich anns na linntean a bha sin air a' pheann ann, agus le sin," ars esan, "chaill sinn," ars esan, "an eachdraidheachd bu chòir a bhith againn," ars esan, "airson faisg air dà mhìle bliadhna."

Seallaibh mar tha fios agaibh... tha iad a' dèanamh a-mach gu bheil dà mhìle 's còig ceud bliadhna no còrr on a thàinig na Ceiltich do dh'eilean [?Bhreatainn]. Tha. Cha robh ann ach leis am beul-aithris. Beul-aithris.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good