Breabadair an Staca

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 104002
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1975.120.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1975.120

Geàrr-chunntas

Breabadair an Staca.

Tha am fiosraiche ag innse sgeulachd mu fhear a thog caisteal air stac deas air Èirisgeigh. Bha triùir mhac aige agus bha e fhèin agus an dithis bu shine a' dèanamh am beòshlaint le bhith ri spuinneadaireachd. Chaidh am marbhadh le sgiobair bàta ach nuair a dh'fhàs am mac a b' òige suas, rinn e dìoghaltas.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Na Stacanan Dubha

Paraiste - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Cha chuala Dòmhnall riamh seo. Siuthadaibh. Feuchaibh... dìreach innsibh do Dhòmhnall ann a shin i 's fàgaidh sinn an rud a' ruith. Siuthadaibh.

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): A bheil e a' dol?

DE: Aidh. Tòisichibh fhathast, a Dhòmhnaill Alasdair, anns an toiseach.

DA: Bha siud triop ann agus thàinig fear leis a' phacaid gu ruige an ceann a tuath ann a sheo às an Eilean Sgitheanach, agus cha robh fhios aig duine air, cha do dh'aithnich duine e, 's cha b' aithnte dhaibh e. Agus co-dhiù, choisich e air falbh às a cheann a tuath, agus chùm e roimhe a-nall an ceann a tuath agus Beinn na Fadhla an sin, agus chùm e air gu deas. Agus ràinig e... cha chreid mi nach ann an Smeircleit a bha an taigh, agus ràinig e an taigh a bh' ann a sheothach co-dhiù, agus chaidh e thuige, agus dh'iarradh air tighinn a-staigh, 's thàinig e a-staigh.

Agus fhuair e biadh an sin. Agus bha dithis nighean anns an taigh, agus bha tè aca ris a... na... ris a' bheairt, ag obair air beairt-fhighe. Agus chan eil fhios a'm dè bha an tè eile a' dèanamh. Cha robh e air innse co-dhiù, ach... Ach co-dhiù seothach, dh'fhan e an oidhche sin anns an taigh sin, agus an làrna-mhàireach dh'fhalbh e. Agus chùm e air gu deas agus ràinig e Caolas Èirisgeigh, agus fhuair e seòrsa de gheòlaidh an sineach, agus thug e leis i, agus dh'fhalbh e 's chaidh e tarsaing gu ruige Èirisgeigh leatha. Agus nuair a chaidh e an sineach, chùm e air gu deas ann an Èirisgeigh agus ràinig e ceann a deas Èirisgeigh. Agus bha sta-... àite ann ris an can iad an Stac, seòrsa de... tha... Gheibh thu ann air tràigh, ach nuair a bhios làn mòr ann, chan fhaigh thu ann idir. Tha seòrsa de chla-... chlachan a-nall gu h-ìseal ann a gheibh thu a-null air an tràigh. Agus chaidh e ann a shin, agus thòisich e ri togail taighe ann, caisteal. Caisteal an Staca a th' air chun an latha an-diugh.

Agus thàinig e a-nall... thàinig e a-nall a dh'Uibhist an sineach agus ghoid... thachair làir bhàn ris an sineach agus ghoid e i, 's thug e a-null às dèidh na geòla i. Agus thug e leis suas chun an staca i, agus bhiodh i aige a' tarraing chlach. Agus tha an leac... tha iad ag ràdh riumsa gu bheil an leac an sin fhathast. Chunna mise i ceart gu leòr, ach chan eil fhios a'm bheil i ann an-diugh. Slinntear a bha e a' cur air doras no air uinneig, agus bha i air muin na làire bàine agus chaidh an druim aice na dhà leth, druim na làire.

Agus thog e a-nist an caisteal a bh' ann ann a sheo, agus nuair a thog e an caisteal co-dhiù, 's e an rud a rinn e, tharraing e an uair sin a-nall air a' cheann a deas, agus thug e leis an nighean a bha ris a' bheairt, agus thug e leis gu ruige an stac i.

Agus bha e a-nist anns an stac ann a shin, e fhèin 's a' bhean. Agus... agus co-dhiù seothach, rugadh gille... dithis ghillean dhaibh. Rugadh an triùir dhaibh, ach bha càch air tighinn a-nist gu ìre suas. Agus 's e an cosnadh a bhiodh aige, bhiodh bàtaichean an uair sin, saothaichean – 's e saothaichean a bh' ann co-dhiù, cha robh steam a' dol an uair sin ach saothaichean fhèin – agus bhiodh iad ag acrachadh air an acarsaid... air a... air an tràigh mhòr shuas an sineach, eadar Barraigh agus... agus Èirisgeigh. Agus bhiodh e a' dol air feadh na h-oidhche agus gan tolladh agus gan leigeil fodha agus a' toirt asta a h-uile sìon a bhiodh annta.

Uill, chaidh a-nist an t-ainm a bha seo fada 's farsaing, agus chuala... chaidh e air feadh na rìoghachd, agus chuir iad a-mach geàrd air a shon.

Agus co-dhiù seothach, an latha a bh' ann a sheothach, bha iad a-muigh, e fhèin agus dithis dhe na gillean, bha dithis dhe na gillean bu shine, ach cha robh am fear eile ach beag. Bha iad a' tòiseachadh ri falbh còmhla ris anns a' gheòlaidh. Agus chunnaic iad am bàta a bha siudach a-mach druim a' ghnothaich, agus thuirt... thuirt esan:

"A Dhia," ars esan, "dè seòrsa bàta a tha sin?" ars esan.

Agus cha robh ri fhaic-... fhaicinn innte ach aon duine.

"Tha," arsa fear dhe na gillean, ars esan, "chan eil innte ach aon duine," ars esan.

"An-tà," ars am fear eile, ars esan, a b' òige na e, ars esan, "ged nach eil innte ach aon duine," ars esan, "tha gu leòr gu h-ìseal," ars esan. "Tha mise a' faicinn anail... anail nan daoine," ars esan, "far beul a' bhàta."

Agus:

"Ò, ma tha," ars esan, "tha an t-àm againne a bhith a' togail air falbh às a seo."

Agus 's ann ag iasgach a bha iad, agus tharraing e na duirgh, agus còmh luath 's a tharraing esan na duirgh 's a dh'fhalbh e, tharraing am bàta às a dhèidh.

Uill, ràinig iad riamh gus an tàinig iad... bha esan dìreach air leum aiste dìreach aig Caolas an Staca, dìreach, nuair a thàinig fear dha na bh' anns a' bhàta mu chuairt dìreach, 's spliot e an ceann aige. Agus dh'fhàgadh ann a shin fhèin e. Agus chaidh an gille a mharbhadh, an dithis ghillean a mharbhadh, còmhla ris. Agus bha ise agus i air uinneig a' chaisteil a' coimhead, agus bha i a' faicinn a h-uile sìon.

Agus co-dhiù seothach, bha a-nist bha an gi-... 's e gille a bh' anns an fhear eile, anns an treas duine cuideachd, agus thòisich i air togail a' ghille. Agus bha i seothach, bha i ga thogail. Agus 's ann a... bhiodh i a' tighinn a-nall a dh'Uibhist leis 's... a thaigh cuideachd a h-athar an sin 's a màthar. Agus... agus dh'fhàs an gille seo na dhuine, agus nuair a dh'fhàs e na dhuine seo, tha... thuirt e ri a mhàthair an latha a bha seothach gun robh esan a' falbh, agus:

"Cha stad chinn 's cha [???] mise," ars esan, "gus am faigh mi," ars esan, "tòrachd m' athar a thogail," ars esan.

Uill, dh'fhalbh e agus choisich e gu tuath sìos an seo, a h-uile ceum gus an do ràinig e Loch nam Madadh. Agus bha a' phacaid a-nist a-staigh, agus chaidh e dhan phacaid agus... agus dh'fhaighneachd e cà an robh am bàta a bha seothach a' dol. 'S dh'innis iad... gille dha. Agus chaidh iad... gun robh i... gun robh i a' dol gu ruige an t-Eilean Sgitheanach.

Agus co-dhiù, dh'fhalbh e anns a' phacaid. Agus nuair a ràinig iad cidhe Dhùn Bheagain an sineach, tha... cha... cha deach iad chun a' chidhe idir, ach dh'fhan iad a-mach bhuaithe. Dh'acraich iad a-mach bhuaithe. Agus bha seothach pìos an latha a' tighinn, agus dh'fhaighneachd esan:

"Dè," ars esan, "is sgialt dha leithid seo?" ars esan. "A bheil an duine seo," ars esan, "a' dol chun a' chidhe leis a' phacaid idir?" ars esan.

"Ò, tha," ars iadsan, "tha e a' dol ann, ach chan eil math a dhuine eile," ars esan, "a dhol na chomhair gus an togair e a dhol ann leis fhèin," ars esan. "On latha a mharbh e," ars esan, "Breabadair an Staca," ars esan, "fhuair e an t-uachdranas a bha sin," ars esan, "agus chan eil a chridhe aig duine eile," ars esan, "a dhol na chomhair."

Agus:

"Uill," ars esan, "thèid mise na chomhair," ars esan.

Agus dh'fhalbh e 's ghabh e sìos dhan cheabain far an robh an sgiobair an sineach, agus:

"Dè," ars esan, "is ciall," ars esan, "dha leithid seo," ars esan, "nach eil daoine," ars esan, "a' faighinn gu tìr às a seo?" ars esan.

"Dè dhutsa, a mhic an fhir ud," ars esan, "co-dhiù thèid sinn gu tìr 's gus nach tèid," ars esan.

Agus:

"Nach cuala mi," ars esan, "gura tusa," ars esan, "a mharbh Breabadair an Staca," ars esan.

"Dè dhutsa," ars esan, "a mhic an fhir seo," ars esan, "cò mharbh Breabadair an Staca," ars esan.

Agus cha do rinn e ach cruinn-leum a thoirt thuige agus rug e air agus rug e air amhaich air agus thachd e ann a shin fhèin e. Agus:

"Chan... cha mharbh thu," ars esan, "Breabadair an Staca... an còrr tuilleadh," ars esan.

Agus chaidh e suas agus dh'iarr e air na gillean am bàta a thoirt gu tìr. Agus dh'innis e mar a bha an gnothach air a dhèanamh, nach toireadh an sgiobair bàta gu cidhe ach na thug.

Uill, chaidh e gu tìr, 's chaidh an t-ainm... sgaoil an t-ainm air feadh an àite anns a' mhionaid. Agus... agus chaidh e suas agus... agus dh'innseadh dha nuair a ràinig e suas an hotel an sineach, dh'innseadh an sineach gur e Breabadair an Staca a bh' ann... gur e mac... gur e mac Breabadair an Staca a bh' ann. Agus, ò, bha a h-uile duine riamh an sineach air an clisgeadh roimhe, agus cha robh fhios aca gu dè dhèanadh iad ris.

Agus co-dhiù seothach, fhuair e... fhuair e air falbh às a sineach fhèin, agus tha... cha... cha robh... ma bha an còrr innte chaill mise cuimhne air. Ach sin an rud, a' chrìoch a chaidh air... air am fear a mharbh Breabadair an Staca.

Agus... Ach co-dhiù, nuair a thill e dhachaigh, bha a mhàthair air tighinn a-nall a dh'Uibhist, agus... agus i air an caisteal fhàgail. 'S tha... tha làrach a' chaisteil an siud fhathast, na clachan, 's mar a bha e air a chur suas. Chunna mise e, ceart gu leòr, nuair a bha mi an Èirisgeigh an sin, 's...

Agus sin agad mar a bha mac Breabadair an Staca.

DE: Agus 's ann aig ur n-athair, tha mi cinnteach, a chluinneadh sibh fhèin i seo?

DA: Ò, 's ann.

DE: A Dhòmhnaill Alasdair.

DA: 'S ann.

DE: Aidh. Aidh.

DA: Ò, 's ann aige a chuala mise a h-uile sìon a chuala...

DE: 'S e deagh naidheachd a tha sin cuideachd.

DA: Chuala mi ach na chuala mi.

DE: Aidh, aidh. Ò, 's e naidheachd mhath dha-rìribh a tha sin. Agus 's e... an e Caisteal a' Bhreabadair a chanas iad ris a sin fhathast?

DA: Caisteal an Staca.

DE: Caisteal an Staca.

DA: Caisteal... Bidh feadhainn a chanas Caisteal Breabadair an Staca.

DE: 'S e, gu dearbh. Seadh.

DA: Feadhainn eile, Caisteal an Staca.

DE: 'S dè na tha suas dhe na ballachan an sin fhathast?

DA: Dè?

DE: Dè na tha suas dhe na ballachan fhathast?

DA: Tha na founds gu h-ìseal suas mar a bha iad. Tha an còrr a bha suas gu h-àrd, tha e air tuiteam, air tighinn a-nuas. Tha mi cinnteach nach robh an t-aol... nach robh an t-aol a' dol no saimeant còmhla ris.

DE: Dìreach.

DA: Cha robh ann ach a' chlachaireachd thioram.

DE: Cha robh, dìreach. Ò, glè mhath.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math